Còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais
Còmhla ris an Urr Dòmhnall Micheal MacAonghais, Eaglais Ghairbraid, Glaschu. Gaelic service conducted by Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Church of Scotland, Glasgow.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 51: 1-4 air fonn Martyrdom agus 's e Alasdair Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Partick Highland
Salm 02: 7-8 air fonn Montrose agus 's e Eòin MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh
An dà ra laoidh às a' Bhìoball: 3-5 air fonn Stornoway agus 's e Ruairidh Mac a' Ghobhainn le taic bho Choitheanal Eaglais Colaiste an Rìgh ann an Obar-dheathain a tha os cionn na seinn
Leughaidhean: Gnìomhairean nan Abstol 10: 34- 43 & Isaiah 42: 1-9
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair ann an Roinn an Ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson 7 bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air Eaglais Gairbraid ann an sgìre Maryhill an Glaschu. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire air Comataidh Ghà idhlig na h-Eaglaise.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn Na Buddies, sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntà ta, cà l agus currain - mar a thuirt e fhèin, dìreach mar Fiollagan!
Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus 's caomh leis a bhith a' tilleadh ann airson saor-là ithean.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy.
Last on
Broadcasts
- Yesterday 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Yesterday 15:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal