Main content

Còmhla ris an Urr Ruairidh I Caimbeul, an Eaglais Shaor

Seirbheis còmhla ris an Urr Ruairidh Iain Caimbeul bhon Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by Rev Roddy John Campbell, retired minister Free Church, Tolsta.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 06: 1-2 air fonn Walsall agus 's e Iain MacAsgaill a tha os cionn na seinn.
Salm 147: 3-5 air fonn Coleshill agus 's e Iain Murchadh MacAoidh a tha os cionn na seinn.
Salm 68: 19-19 air fonn Torwood agus 's e Iain Murchadh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn.
Chaidh an t-seinn a chlàradh ann an Eaglais Shaor Tholastaidh fo Thuath.

Leughadh: Genesis 22: 1-15
Ceann-teagaisg: Genesis 22: 1

Rugadh is thogadh Mgr Caimbeul ann am baile Lìonail ann an Nis. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na iar-mhanaidsear airson còig bliadhna deug air aon de bhùithtean a' Cho-op ann an Steòrnabhagh. Thill e air ais dhan sgìre aige fhèin às dèidh sin, far an robh e ag obair aig Comunn Eachdraidh Nis airson trì bliadhna. Rinn e ceum tron Oilthigh Fhosgailte agus às dèidh sin chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1996. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath ann an 1999 agus leig e dheth a dhreuchd ann an 2021. Tha Mgr Caimbeul air tilleadh a dh’fhuireach ann an Nis agus e gu mòr an sàs anns a' Chomunn Eachdraidh a-rithist.

12 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 18 Jan 2026 15:00

Broadcasts

  • Sun 18 Jan 2026 09:00
  • Sun 18 Jan 2026 15:00