Còmhla ris an Oll Urr Ruairidh MacLeòid
Còmhla ris an Oll Urr Ruairidh MacLeòid a bha na mhinistear air Eaglais na h-Alba, Cumlodain 2012. Service from 2012 with Prof Roddy MacLeod, retired Church of Scotland minister.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 104: 1-3 air fonn London New agus os cionn na seinn bha Iain Gillies Dòmhnallach le taic bho choitheanal Ard Eaglais Steòrnabhaigh
Salm 89: 1-2 air fonn Torwood agus os cionn na seinn bha lain Aonghas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Salm 106: 4-5 air fonn Evan agus os cionn na seinn bha Dòmhnall Iain MacIllInnein le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh
Leughadh: Eoin 15: 8-17
Ceann teagaisg: Eòin 15
Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geà rr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Airson iomadach bliadhna às dèidh sin bhiodh e a' cumail sheirbheisean Gà idhlig ann am Meadhan Earra-Ghà idheal agus anns an Òban a h-uile mìos. Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beà rnaraigh na Hearadh mus tà inig an cabhsair. Bha e cuideachd an sàs ann an grunn bhuidhnean Gà idhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gà idhlig na h-eaglaise, agus bhiodh e cuideachd a' deasachadh nan Duilleagan Gà idhlig aig Eaglais na h-Alba.
Last on
More episodes
Broadcast
- Last Sunday 21:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal