Main content

còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh

Còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich 's Manachainn Rois. Service with Rev Alasdair MacAulay, minister of Tain and Fearn Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 102 : 25- 27 air fonn Martyrdom agus 's e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 145@ 10-11 air fonn Torwood agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Salm 122: 7-9 air fonn New Cambridge agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Leughadh: 1 Corintianaich 13: 1-13

Ceann-teagaisg: 1 Corintianaich 13: 12

Thàinig atharrachadh spioradail ann am beatha Alasdair nuair a bha e bliadhna thar fhichead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, chuir e dà bhliadhna seachad ann an gnìomhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC, ag obair ann an Inbhir Nis agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh.

Tha e pòsta aig Màiri, a bhuineas do sgìre Nis agus tha iad le chèile air an cumail trang leis an teaghlach, Cairistiona, Lùc, Emma, Kate agus na h-oghaichean aca Demi agus Theo. Bha Alasdair agus Màiri le chèile an sàs ann an obair am measg òigridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dhùn Èideann fhad 's a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an Ògmhios 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san Lùnastal air a' bhliadhna sin.

21 days left to listen

30 minutes

Broadcasts

  • Last Sunday 09:00
  • Last Sunday 15:00