Main content

còmhla ris an Urr Tormod MacÌomhair, Eaglais na h-Alba

Seirbheis còmhla ris an Urr Tormod MacÌomhair bho Eaglais na h-Alba. Gaelic religious service conducted by Rev Norman MacIver, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 105: 1-2 air fonn Bangor agus 's e an t-Urr Coinneach Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho bhuidheann seinn nan sailm ann an Cille Mhoire
Salm 43: 3-4 air fonn New London agus 's e Dòmhnall Ailig Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh
Salm 72: 12-13 air fonn London New agus 's e Calum Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis

Leughaidhean:
Marcus 15: 27-32 agus Lucas 23: 39-43

Ceann-teagaisg:
Lucas 23: 42-43

'S ann do sgìre Shiadair san Rubha a bhuineas Mgr MacÌomhair. Ghluais e a Ghlaschu nuair a bha e ochd bliadhna deug agus bha e ag obair ann an oifis airson còig bliadhna. Nuair a bha e mu bhliadhna ann an Glaschu, thàinig atharrachadh na bheatha agus thòisich e a' leantainn beatha Chrìosdail.

Nuair a chaidh a ghairm chun na ministrealachd, bha aige ri dhol dhan cholaiste airson bliadhna airson deuchainn fhaighinn ann am foghlam aig àrd-ìre. Às dèidh sin, bha cùrsa diadhachd de chòig bliadhna aige ri dhèanamh ann an Colaiste na Trianaid.

Phòs e fhèin 's a bhean, Catherine, ann an 1974 nuair a bha e deiseil dhan trèanadh aige. Rinn Mgr MacÌomhair dà bhliadhna na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais Naomh Mhìcheil ann an Linlithgow mus deach a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire is Paibeil an Uibhist a Tuath. Bha Mgr MacÌomhair na mhinistear san sgìre sin airson còrr air deich bliadhna mus deach a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart ann an 1988, far an robh e chun an t-Samhain 2011. Tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth agus a' fuireach ann an Inbhir Nis.

30 days left to listen

30 minutes

Broadcasts

  • Today 09:00
  • Today 15:00