Colbhan beachd, dealbh-chluich agus eachdraidh chiùil an giotà r
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Gach Diluain bidh dithis a' gabhail sgrìob tro cholbhan beachd nam pà ipearan naidheachd bhon deireadh sheachdain. 'S iad Murray MacLeòid agus Siùsidh NicDhonnchaidh a tha dèanamh sin an-diugh. Dè ghlac an aire agus dè am beachd fhèin air cùisean?
Tha Wilma NicUalraig a' toirt beachd air an dealbh chluich, A History of Paper, a tha ri fhaicinn aig Teà tar Bhaile Chloichridh an drà sta. Tha an sgeulachd a' ruith air beatha fear is te, 's ' iad a' coimhead air ais air an cà irdeas agus an dà imh eatarra tro na bliadhnaichean, 's air na litrichean a bha'd a' sgrìobhadh gu chèile. 'S iad na h-Albannaich, Alan Cumming agus Shirley Henderson na prìomh chleasaichean's an dealbh-chluich.
Agus tha Âé¶¹Éç Radio 4 a' comharrachadh 60 bliadhna bhon a thug Bob Dylan crathadh air saoghal a chiùil, nuair a thòisich e a' cleachdadh giotà r dealan! Tha sreath ùr, The Guitar Story, ag innse mun bhuaidh a thug giotà r air a h-uile seòrsa ceòl, bho flamenco gu na blues, pop agus folk. Tha a neach-ciùil, Calum Mà rtainn air a bhith ga èisteachd agus là n-chuimhne aige fhèin air nuair a thòisich Dylan le giotà r dealan, 's an othail a bha an cois sin!
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 17 Aug 2026 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 17 Aug 2026 22:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal