Sùil air prògram tbh mu Ghlaschu is mòran eile
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Chaidh am prògram aithriseach, Disclosure: Welcome To Glasgow, a-mach air Âé¶¹Éç1 a-raoir. Tha am prògram a' toirt sùil air meadhan baile Ghlaschu, 's a faighneachd a bheil eucoir, an-fhois agus caismeachdan an aghaidh in-imrich a' meudachadh. Tha ceathrar à Glaschu a' toirt am beachd fhèin air a phrògram, 's ag innse mu mar a tha iad fhèin a' faireachdainn mun bhaile.
Tha barrachd luchd-turais air sgèith a dh' Alba air an t-samhradh seo, seach a Lunnainn no an corr de Shasainn. Ach dè seòrsa grèim a th' aca air eachdraidh fìor na dùthcha 's air a Ghà idhlig? Dè bhios iad a' lorg agus dè seòrsa ceistean a th' aca?
Robh fhios agaibh gum bi buthaidean a' call an gob dearg mun à m'sa dhen bhliadhna? Tha Shona Nic'IlleFhialain bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun, ag innse dhuinn mun a sin.
Gach Dimà irt tro mhìosan an t-samhraidh, tha aoighe ag innse mu na là ithean-saora as fheà rr a chòrd riutha riamh. An-diugh, tha Zach Ronan ag innse mun t-à ite a th' aig Singapore na bheatha agus mu thuras gu Thailand.
Last on
Broadcasts
- Tue 18 Aug 2026 09:00Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 18 Aug 2026 22:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal