Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1415
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1415. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sunday
13:55
Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1111
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1415
Duration: 04:58
Litir 1415: Kitty NicLeòid
Tha cuimhne agam air còmhradh a chuala mi eadar dithis laoch mun t-seinneadair a b’ fheà rr leotha. Chan eil duine seach duine aca beò an-diugh. Nochd diofar ainmean anns a’ chòmhradh, ach bha fear dhen dithis deimhinne mun taghadh aigesan – Kitty NicLeòid.Â
Nuair a bha an còmhradh seo ann, bha Kitty fhathast beò. Chaochail i anns a’ bhliadhna dà mhìle. Rugadh i ann an naoi ceud deug is ceithir-deug anns na h-Innseachan.
Bha athair Kitty, Coinneach, na shaighdear anns na Sìophortaich thall. Goirid ro thoiseach a’ Chogaidh Mhòir chaidh a bhean a-null airson a bhith còmhla ris. B’ ise Anna nighean Phà draig ʼic Iain MhicLeòid à Àird Thunga ann an Leòdhas. Rugadh Catrìona – no Kitty – ann an Kasauli, baile monaidh anns na h-Innseachan.
Ge-tà , bha athair Kitty air a chur a Mhesopotamia an aghaidh nan Turcach. Fhuair Anna fios gun robh e air chall agus gun robhar a’ creidsinn gun robh e marbh. Thug ise a leanabh, Kitty, dhachaigh leatha a Leòdhas. Fhuair i obair mar bhana-mhaighstir sgoile. Thogadh Kitty ann an à iteachan far an robh i air a cuartachadh leis a’ Ghà idhlig.
Dà bhliadhna an dèidh dhaibh tilleadh, fhuaireadh fios gun robh Coinneach fhathast beò. Bha e anns an ospadal anns an Èiphit, gun chomas labhairt aige.
Thill e a dh’Alba agus bhathar ag rà dh gun do thill a chainnt nuair a thachair e ri Kitty. Nuair a bha e là idir gu leòr, chaidh a theaghlach a dh’Obar Dheathain far an do dh’ionnsaich Coinneach tuathanachas-gà rraidh no horticulture. Chuir an teaghlach seachad bliadhnaichean ann an Obar Dheathain mus do thill iad a Sgiogarstaidh ann an Nis.
Bha ceòl anns an teaghlach. Bha brà thair Kitty, Coinneach Aonghas, na phìobaire. Bha a piuthar, Marietta, math air seinn. Agus, mar an ceudna, bhiodh Kitty fhèin a’ coisinn cliù mar sheinneadair air leth.Â
Nuair a bha i aig Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, chuala Kitty an t-òran ainmeil ‘An Ataireachd Àrd’. Chlà ir i fhèin an t-òran leis a’ chompanaidh Parlophone ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a seachd (1937).
Bha Kitty na sgoilear air leth agus bhuannaich i sgoilearachd do dh’Oilthigh Dhùn Èideann. Bha fèill mhòr oirre mar sheinneadair ann an consartan is cèilidhean, agus bhuannaich i bonn òir a’ Chomuinn Ghà idhealaich aig a’ Mhòd Nà iseanta ann an trithead ʼs a sia (1936).Â
Ged a bha i na tidsear gu proifeiseanta, bha Kitty cliùmhor mar sheinneadair. Bha i fhèin agus a piuthar, Marietta, an sàs anns na People’s Festival Cèilidhs ann an Dùn Èideann, rud às an do dh’èirich Iomall Fèis Dhùn Èideann. Bha an dithis air an clà radh leis an eòlaiche-chiùil Ameireaganach, Alan Lomax.
Ach cha robh Kitty ro dheònach a bhith air a clà radh le companaidhean coimeirsealta. Mar sin, ʼs dòcha nach eil uiread de chlà raidhean dhith ʼs a bhiodh dùil. Mura h-eil sibh eòlach air a seinn, mholainn gun rannsaich sibh ‘Kitty MacLeod Calum Sgà ire’ air an eadar-lìon. Cluinnidh sibh an t-òran ‘Calum Sgà ire’ air a ghabhail le sà r-sheinneadair.Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: seinneadair: singer; Na h-Innseachan: India; na Sìophortaich: the Seaforths (regiment); Àird Thunga: Tong; baile monaidh: hill town; bana-mhaighstir sgoile: teacher (schoolmistress); Sgiogarstaidh: Skigersta; Nis: Ness; Àrd-sgoil MhicNeacail: The Nicolson Institute; ghèill: yielded; Feallsanachd: Philosophy; bonn òir: gold medal; eòlaiche-ciùil: musicologist; sà r-sheinneadair: a singer of renown.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: còmhradh a chuala mi eadar dithis laoch mun t-seinneadair a b’ fheà rr leotha: a conversation I heard between two fine gentlemen about their favourite singer; bha fear dhen dithis deimhinne mun taghadh aigesan: one of the pair was certain about his choice; goirid ro thoiseach a’ Chogaidh Mhòir chaidh a bhean a-null: shortly before the start of the Great War, his wife went over; gun robhar a’ creidsinn gun robh e marbh: that it was believed he was dead; far an robh i air a cuartachadh leis a’ Ghà idhlig: where she was surrounded by Gaelic; dà bhliadhna an dèidh dhaibh tilleadh, fhuaireadh fios gun robh Coinneach fhathast beò: two years after they returned, information was obtained that Kenneth was still alive; bha e anns an ospadal anns an Èiphit, gun chomas labhairt aige: he was in [the] hospital in Egypt, without the ability to speak; chaidh a theaghlach a dh’Obar Dheathain far an do dh’ionnsaich Coinneach tuathanachas-gà rraidh: the family went to Aberdeen where Kenneth studied horticulture; bhiodh Kitty fhèin a’ coisinn cliù mar sheinneadair air leth: Kitty herself would win a reputation as an excellent singer; air a beò-ghlacadh leis: captivated by it; bhuannaich i sgoilearachd do dh’Oilthigh Dhùn Èideann: she won a scholarship to the University of Edinburgh; bha fèill mhòr oirre mar sheinneadair ann an consartan is cèilidhean: she was in great demand in concerts and ceilidhs; às an do dh’èirich Iomall Fèis Dhùn Èideann: from which the Edinburgh Festival Fringe arose.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chan eil duine seach duine aca beò an-diugh: neither man is alive today. Seach is very useful in idiom – it can mean, for example,‘instead of, rather than, compared to, apart from’. With a repetition of a noun, and seach between them, it can mean ‘neither’. Here are some examples: cha toigh leam fear seach fear dhiubh ‘I don’t like either one’; chan eil taobh seach taobh a’ còrdadh rithe ‘she doesn’t like either side’; cha bhuannaich sgioba seach sgioba dhiubh a’ chuach ‘neither team will win the trophy’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: mar an ceudna: likewise, similarly.
Broadcast
- Sunday 13:55Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.