Eapasod 01 Manaidhean
Sgeulachdan mu mhanaidhean a bh' air an cruinneachadh le Flòraidh NicIlleathain. Flora MacLean collected stories about the second sight from across Scotland for Soillsich.
B' e sreath ainmeil a bh' ann an Soillsich dha Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal. Bha Flòraidh NicIlleathain nach maireann a' clà radh is a' cruinneachadh sgeulachdan air feadh na dùthcha, agus chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999.
Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, mu thaibhsean, mun dà rna sealladh, sìthichean is gu leòr eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b' e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Anns a' chiad phrògram dhen t-sreath 's ann mu mhanaidhean a bha na còmhraidhean.
Cluinnear guthan Mhà iri NicRuairidh às a' Chaolas ann an Uibhist a Deas, Lachie MacDhonnchaidh à Ealaghol, Dòmhnall Iain MacIllinnein san Ath Leathann, Joe MacDhùghaill à Bhatarsaigh, Ailean Dòmhnallach às a' Bhaile Shear, Dòmhnall MacAmhlaigh à Beà rnaraigh Leòdhais, Dòmhnall Mac'IlleDhuibh à Lios Mòr, Dòmhnall Eà rdsaidh Dòmhnallach a bhuinneadh do dh'Uibhist a Tuath, Mà iri Dhòmhnallach Lundal, Leòdhas, Sìne Churrie Uibhist a Deas agus Ruairidh Fearghasadan à Hogha Gearraidh.
On radio
Broadcasts
- Monday 15:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Yesterday 20:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal
- Sunday 15:30Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal