Âé¶¹Éç

Use Âé¶¹Éç.com or the new Âé¶¹Éç App to listen to Âé¶¹Éç podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,28 Sep 2026,30 mins

Eapasod 01 Manaidhean

Soillsich

Available for 12 days

B' e sreath ainmeil a bh' ann an Soillsich dha Âé¶¹Éç Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIlleathain nach maireann a' clàradh is a' cruinneachadh sgeulachdan air feadh na dùthcha, agus chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999. Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, mu thaibhsean, mun dàrna sealladh, sìthichean is gu leòr eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b' e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Anns a' chiad phrògram dhen t-sreath 's ann mu mhanaidhean a bha na còmhraidhean. Cluinnear guthan Mhàiri NicRuairidh às a' Chaolas ann an Uibhist a Deas, Lachie MacDhonnchaidh à Ealaghol, Dòmhnall Iain MacIllinnein san Ath Leathann, Joe MacDhùghaill à Bhatarsaigh, Ailean Dòmhnallach às a' Bhaile Shear, Dòmhnall MacAmhlaigh à Beàrnaraigh Leòdhais, Dòmhnall Mac'IlleDhuibh à Lios Mòr, Dòmhnall Eàrdsaidh Dòmhnallach a bhuinneadh do dh'Uibhist a Tuath, Màiri Dhòmhnallach Lundal, Leòdhas, Sìne Churrie Uibhist a Deas agus Ruairidh Fearghasadan à Hogha Gearraidh.

Programme Website
More episodes