Thà inig am fiosrachaidh a leanas bho luchd-èisteachd Facal Oirbh ann an 1998 nuair a chaidh am prògram a chraoladh an toiseach.

Bha e air a rà dh gu robh am feur a bha air eileanan Caolas na Hearadh cho goirid 's ged a ghabhadh tu rà sar dha nach lìonadh tu aon bhonaid leis! Ach bha am feur math chionns gu robh na h-eòin agus na ròin ga thodharachadh.
Bhiodh iad a' cur seann chrogaichean de chaoraich air Eilean Sheilaigh, air cùl Phabaigh, deireadh na bliadhna aig à m reitheachd. Cha chuireadh iad uair sam bith reithe no rùda ceart nan cois, ach uanreith no beathach nach bu mhòr a b' fhiach.
Bhiodh uairean tarraing na mara air a' chladach cho là idir 's gur ann a' tilgeil nan caorach às an eathar a bhiodh iad.
Nan tigeadh na crogaichean truagh seo idir tron gheamhradh, bha e air a rà dh gum biodh iad cho fallain ris a' bhreac an dèidh a bhith air an eilean 's gum biodh a h-uile tè le uan math, tapaidh, beothail aice. 'S e soideanaich a chante ris na h-uain seo, a' ciallachadh beathach tapaidh, beothail. Soideanach de dh' uan a bhiodh ann!
Bho Shìm MacCoinnich, An t-Òb, Na Hearadh
Bho Choinneach Iain Mac a' Ghobhainn, Iarsiadar, Leòdhas.
Bho Shìne Currie, Loch Baghasdal, Uibhist a Deas

Agus, nuair a gheibheadh na gillean Callainn rudeigin, bheannaicheadh iad an taigh mar a leanas.
Bho Iain M. MacLeòid, Baile Ailein, Leòdhas
Mur a faigheadh na gillean cà il bho mhuinntir an taighe mhallaicheadh iad an taigh mar a leanas, "Gum biodh do mhionach aig na starragan air na feannagan gu Latha Fhèill Brìghde."
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.