
Tha e coltach ma chuireas tu rùsgan orainsear anns an à bhainn, can, gus an tiormaich iad agus gun cuir thu iad ann an stocainn, agus an uairsin ga chuir air do bhus.
Fios à Barraigh
Nuair a dh'fhalbhadh a' chiad fhiaclan a bhiodh leanabh a' faighinn 's a thòisicheadh iad a' fàs flagach 's nuair a dh'fhalbhadh iad nam b' urrainn dhut na fiaclan a bha sin a chuir fo chloich no ann an gà rradh na à ite sam bith anns nach deidheadh dragh orra, bhiodh iad a-riamh ag rà dh nach tigeadh an dèideadh gu brà th anns an fhiacail a dh'fhà sadh an à ite na tè sin.
Agus air sgà th sin bhiodh daoine gan cuir ann am balla taigh dubh, a-steach dhan a' ghlutaran a tha eadar nan clachan a tha eadar an dà bhalla. Bhiodh iad a' cumail a-mach nach deidheadh na taighean a leagail co-dhiù 's le sin cha deidheadh dragh a chuir air an fhiacail gu brà th.
Canaidh cuid frasg agus cuid eile rosg no fabhra ri eyelash . 'S e farbhail(eag) an craiceann a tha os cionn na sùla 's a tha tighinn a-nuas nuair a dhùineas tu do shùil 's tu dol a chadal.
Na rachadh rudeigin mar smùran beag nad shùil, dè na diofar dhòighean air cobhair fhaighinn?

Sgrìobh Eachann Ruadh Mac a' Ghobhainn, Liùrbost, Leòdhas is Dun Èideann "Tha mi cinnteach gun cuala a h-uile duine am facal Tha dà latha dhan Iuchair anns an Fhaoilleach agus dà latha dhan Fhaoilleach anns an Iuchair. Chuala mise facal coltach ris a sin a bhiodh aig na h-iasgairean agus an fheadhainn a bhiodh a' dol a shireadh eun, an fheadhainn a bhiodh a' falbh pìos bho thìr 's a' falbh a-mach gu sgeirean 's mar sin. Bhiodh iad ag rà dh, Na fan ri gaoth Foghair is na falbh ri fèath Faoillich. Bhiodh iad uaireannan ag rà dh, Na fan ri gaoth Iuchair 's na falbh ri fèath Faoillich."
Bha Eachann an uairsin ag innse mar a bhiodh iad ag rà dh air Na Lochan ann an Leòdhas, 'S ann air/oirre a tha aghaidh a' chlacharain! Chante sin mu dheidhinn duine a bhiodh iuthairneil, bragail.
'S bha cuimhne aig Iain a bhith cluinntinn cuideachd Tha thu ann a shin mar chlacharan air rùdhan! a' ciallachadh duine a bha cho stobach, 's na sheasamh dìreach a' saoilsinn nach robh duine ann ach e.
Bha ainm eile aig Eachann air a' chlacharan - Fear Fèill Phà raig. Sin a bhiodh aca air seach gum biodh e a' nochdadh an ìre mhath cumanta man à m sin dhen bhliadhna
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.