Ann an iomadh coimhearsnachd 's e à m cudthromach a th' ann an à m nan òrduighean. A' cuimhneachadh air mar a chleachd iad a bhith bha An t-Urramach Tormod MacSuain, Sgalpaigh, Murchadh Dòmhnallach, Sgìre a' Bhac, Leòdhas agus Ceit Anna NicLeòid, Cà rlabhagh, Leòdhas. Seo cuibhreann den chòmhradh. An toiseach, cò as a thà inig am facal na h-òrduighean?
An t-Urr. Tormod MacSuain: Tha mi smaoineachadh gur e ordinances. Thug Crìosd òrdugh, ordinance, 's tha sinn a' cumail nan òrduighean, na h-òrduighean, na nithean a chaidh òrdachadh dhuinn. Ach 's e comanachadh a tha toir leis ciall a h-uile cà il a th' ann. Agus chan eil ann ach aon chomanachadh.
Bithear ag rà dh uaireannan communions ach chan eil ann ach aona cho-chomann, aona chomanachadh, Sà cramaid Suipeir an Tighearna. Chan eil a dhà na trì ann idir, ach an aonan. Ach tha mi smaoineachadh gur ann o na h-ordnances a thà inig na h-òrduighean.
Murchadh Dòmhnallach: Bhithinn-sa cluinntinn tòrr bho mo sheanmhair, eil fhios agad, 's man a bhiodh iad a' cruinneachadh air tìr-mòr gu h-à raid, mìltean de dhaoine a' coinneachadh ann a sin, a-muigh. Cha robh eaglais na cà il ann. Co-dhiù cha ghabhadh eaglais na bha siud de dhaoine ann. 'S ann a tha sinn a' bruidhinn air mìltean 's chan ann air ceudan.
Tha à ite ann fhathast, gu math faisg air an taigh agam fhìn, ri taobh abhainn Chuil, agus 's e Slag nan Òrduighean an t-ainm a th' aca air an à ite gus an latha an diugh. Agus bha ann am meadhan an t-Slag a bh' ann a sin, sin às am biodh am ministear as a' chùbainn bheag as am biodh e.
Agus timcheall air bha talamh à rd agus bha e cruinn dìreach mar bobhla. 'S tha sin a' ciallachadh gu suidheadh an t-uabhas de dhaoine air an talamh à rd a bha sin, sreath às dèidh sreath, gu ruig am mullach, 's bha an duine shìos as a' mheadhan ann a sin.
Agus rud eile mu dheidhinn na h-òrduighean sin, bha iad a leantainn uairean-a-thìde ach bha adhbhar air a sin, eil fhios agad. Bha uiread a dhaoine a' suidhe aig aon bhòrd aig seirbheis dhen t-seòrsa sin agus gu robh e eu-comasach dhaibh frithealadh dha na bh' ann a dhaoine gu lèir. 'S dh'fheumadh iad mar sin roinnean a dhèanamh 's dh'fheumadh iad uairean trì na barrachd de bhùird a bhith air a chuir a-mach 's frithealadh dhaibh as an aon seirbheis.
Agus bha an aon rud a' tachairt as an eilean-sa fhèin nuair a thà inig Ministear MacLeòid a dh' Ùig an toiseach leis an t-soisgeul. Bha daoine a' tighinn bhon a h-uile ceà rnaidh dhan an eilean gu na h-òrduighean sin. Cha robh leithid a rud ann ron a sin. Agus nuair a thòisich sin chuir iad air chois na h-òrduighean a bha seo, ag adhbharachadh gu robh daoine a' cumail òrduighean aig à m suidhichte dhan a' bhliadhna. Bha rud cho annasach aig an toiseach agus gu robh daoine a' tighinn bhon a h-uile ceà rnaidh dhan an eilean gu òrduighean sam bith a bhiodh air an cumail.
An t-Urr. Tormod MacSuain: Na h-òrduighean againne ann a Sgalpaigh bha coinneamhan a' tòiseachadh ro na h-òrduighean, oidhche Luain 's oidhche Mhà irt 's oidhche Chiadain, coinneamhan-ùrnaigh a' guidhe airson beannachd an Tighearna air na seirbheisean a bha rin cumail. Bhiodh iad cuideachd, bhiodh sinne an crochadh ris an aimsir.
'S tha cuimhn' agam a bhith ag ùrnaigh, chan ann a-mhà in, well, aig toiseach cùis beannachdan spioradail ach aimsir fhà bharach. Tha cuimhn' agam air a sin. Bhiodh iad ag ùrnaigh airson sin 's bhiodh iad glè thric a' faighinn aimsir fhà bharach cuideachd airson bha sinn a' dol air muir.
Agus air an t-slighe suas, bhiodh na h-eathraichean là n, bhithist a' seinn, a' precentadh 's bha e brèagha, gu ruigiste cidhe an Tairbeart 's air ais a-rithist, bhiodh iad a' seinn. Tha e iongantach mar a bha na h-òrduighean air an cuir air dòigh. Diardaoin, Latha Irioslachaidh, Latha Traisg a theireadh iad ris agus Dihaoine Latha Fianais.
Bhiodh iad a' bruidhinn air a' Cheist. B' e adhbhar na Ceist an fheadhainn a bhiodh a' toirt seachad na fiosraichidhean a bh' aca fhèin airson feadhainn eile a bha a' miannachadh tighinn air adhart gu bòrd air an cuideachadh.
Nise Disathairne bha ullachadh airson na SÃ baid. Latha na SÃ baid, comanachadh. Diluain, taingealachadh.
Bha na comharran air an toirt Disathairne aig crìch na seirbheis Disathairne 's bha a h-uile duine a bha ri togail fianais, a' comanachadh, bha 'd a' faighinn comharra. 'S nuair a bha 'd a' tighinn madainn na Sà baid, bhiodh eildear aig gach taobh dha na dorsan a' toir dhaibh a' chomharra 's chuireadh iad a-steach luchd-comanachaidh dha na h-à itichean a bha air an cuir air leth airson comanachadh, airson na sà cramaid.
Ceit Anna NicLeòid: Nuair a bha mi beag an taigh mo sheanair tha cuimhn' agam air na h-òrduighean an uairsin. Agus an taigh mo mhà thair, a' chuimhne a th' agamsa air na h-òrduighean, tha dìreach a' sluagh a bhiodh a' tighinn chun an taighe às an Rubha. Eile fhios agad 's ann às a' Rubha a bha m'athair agus bhiodh tòrr de mhuinntir a' Rubha a' tighinn thugainn.
Agus feadhainn bho na Lochan. Eil fhios agad bha mo sheanair na mhiseanairidh uaireigin thall taobh nan Loch 's bha mo mhà thair eòlach air feadhainn dha na boireannaich 's na fireannaich a bha thall an taobh sin. 'S bhiodh iad sin a' tighinn.
'S bhiodh muinntir Bhrèascleit a' tighinn. Bhiodh muinntir Bhrèascleit an uair ud, bhiodh iad a' cadal a-bhos againn oidhche Shathairn. Ag ullachadh biadh, deasachadh, 's chan eil fhios agamsa dè mar a bha mo mhà thair ga dhèanamh, really. Na bhiodh a dhaoine aice 's a h-uile cà il an urra rithe 's gun cà il ach an stòbha.
Dh'fheumadh a h-uile cà il a bhith agad Disathairne airson na Sà baid, aran-coirce is aran-flùr agus lof, of course. Bha. Well, bha thu toirt a-steach ron na h-òrduighean co dhiù. Ach dh'fheumadh m' athair madainn na Sabaid, an uair ud, dh'fheumainn èirigh trà th airson bracaist a dhèanamh 's bha thu a' dèanamh hama is ugh is maragan.
Agus ullachadh an uairsin, dh'fheumadh tu ullachadh, bha pana mòr soup ga dhèanamh airson an dìathad nuair a sgaoileadh iad a-rithist às dèidh an t-searmoin. O, bha tòrr obair ann ach cha robh thu saoilsinn cà il dheth. Bha thu òg 's bha thu measail air na daoine a bhith tighinn 's bha thu ag iarraidh nan daoine.
Murchadh Dòmhnallach: Can an-drà sta gum biodh sia na mar sin de leapannan ann agus bhiodh feadhainn aca uaireannan cho mòr is gum biodh triùir as an aon leabaidh. Ach, eadhon le sin fhèin 's mathaid gum biodh cus de dhaoine ann 's cha robh cà il aca ri dhèanamh ach rud ris an can iad leid a chuir air an là r.
Bha sin, aodach, man a bhios sinne an diugh a' dèanamh sleeping-bag, cha robh leithid a rud ann an uair ud. Agus bhiodh iad a' cur sin air an là r, 's mathaid cuibhrig no dhà air muin a chèile agus cluasag no dhà aig ceann a rud 's bhiodh i cho farsaing, cho leathann, uaireannan 's gur mathaid gum biodh còignear no sianar na sìneadh ri taobh a chèile ann a sin air an aon leid.
An t-Urr. Tormod MacSuain: Nuair a thigeadh daoine, coigrich, cha robh duine a' faighneachd dhaibh cò an eaglais. Bha 'd a' tighinn a-steach 's a' gabhail compà irt anns an t-seirbheis 's Bòrd an Tighearna, ma bha iad nam buill de dh' eaglais eile.
Tha cuimhn' agam fhathast air na ministearan 's air a' cho-chomann a bha ann. Bha e toirt buaidh air mo spiorad na mo bhalachan beag, an fhaireachdainn a bh' as an eaglais, an atmosphere mar a their sinn. Bha buaidh spioradail ann agus bha saorsa bheannaichte a-measg dhaoine.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.