Bha Dòmhnall Iain MacIllinnein fad iomadh bliadhna ag obair mar lighiche-sprèidh anns an Eilean Sgiathanach. Nuair a chaidh Iain MacIlleathain a chèilidh air bha e airson faighinn a-mach mu à m a bha air leth cudthromach ann am beatha teaghlaich. B' e sin à m breith a' chruidh. Seo cuibhreann den còmhradh a bh' aca.
Dòmhnall Iain: Air an taobh an iar agus as na h-eileanan, an crodh a bhiodh iad a' bleoghainn, 's ann a-staigh a bha iad agus bha 'd a' cur a leithid a mheas orra, agus iad ann a' leithid a dh'inbhe agus gu robh iad air an coimhead às an dèidh, dìreach cha mhòr nach fhaodadh sibh a rà dh mar a chanas iad intensive care aca ann an ospadal an-diugh.
Iain: Bha, well , tuigidh duine carson a bha sin, dìreach mar tha sibh fhèin ag rà dh, cho luachmhor agus a bha an crodh.
Dòmhnall Iain: Bha dha-rìribh.
Iain: Na là ithean mas beireadh a' bhò, bhathas a' gur a' rud, mar gum biodh, nach biodh?
Dòmhnall Iain: O bhiodh dha-rìribh. 'S iad fhèin a bhiodh, agus bha feadhainn a bhiodh a' cumail a-mach gu robh iad air leth math air aithneachadh cuin a bheireadh i. A-nise, Iain, a dh'aindeoin 's na fhuair mise de sgoilearachd agus de dh'eòlas, 's e rud a th' ann a tha glè dhoirbh a dhèanamh a-mach suas chun an dà fhichead uair 's a h-ochd mas beir i.
Nuair a shlacas na fèithean mòra am bun an earbaill agus nuair a thòisicheas bainne a' tighinn dhan ùth, 's e sin na soidhnichean a th' againn nuair a tha i faisg air breith.
Ach bhiodh tòrr a' cumail a-mach, dhan an t-seann fheadhainn, gum biodh iad caran fiosrach timcheall air. Agus bha dà rud seachd à raid ann, a bha 'd a' cur mòr spèis air. 'S e sin a' seòl-mara agus a' ghealach là n.
Agus mar a tha mi a rà dh, nuair a thà inig mise a seo, bhiodh feadhainn dhan t-seann fheadhainn, nuair a thigeadh i faisg air, "O beiridh i dìreach air mullach a' reothairt." A' reothairt seachd à raid. No, "Beiridh i dìreach an oidhche a bhios a' ghealach là n." Nise cha d'fhuair mise de thìde a-riamh na dhearbhadh a robh sin ceart ach saoilidh mi gu robh rud ann.
Iain: Seadh gu dearbha.
Dòmhnall Iain: Saoilidh.
Iain: Dè, gu ìre, na duilgheadasan, gun a bhith ro theicnigeach ma dheidhinn a rud, dè seòrsa duilgheadasan agus dè a b'urrainn dha daoine a dhèanamh airson cobhair a dhèanamh?
Dòmhnall Iain: 'S e aonan, dìreach nan deidheadh an laogh ceà rr, nam biodh e... an à ite gun tigeadh fear an comhair a chasan-deiridh agus cha b' urrainn dhan a' bhò faighinn cuidhteas e, agus dh'fheumaist fios an uairsin( cha robh lighichean-sprèidh ann) agus dh'fheumaist fios an uairsin a chuir air fear dhan an fheadhainn a bha mi rà dh a bhiodh fiosrach timcheall air an obair sin. Agus an dòchas gu faigheadh iad a’ laogh a thoir bhuaipe.
Bhiodh an uairsin feadhainn... tha fhios agaibh fèin gu bheil feadhainn, gu bheil glanadh timcheall air a' laogh am broinn a mhà thair agus tha 'n glanadh sin a' tighinn air falbh cho luath 's a bheirear e, no glè ' ghoirid as dèidh sin. Agus nam biodh beathach ann, mar is tric a bhiodh, nach biodh dìreach ann an òrdan cho math 's a dh'fhaodadh i bhith aig à m breith, bhiodh iad buailteach an glanadh sin a chrochadh. Agus bhiodh sin a' dèanamh puinnsean dhan a' bheathach agus bhiodh iad, bhiodh iad, as na seann là ithean a-muigh againne, 's e bròg a bhiodh iad a' crochadh ris a' ghlanadh. Ann a sheo as an Eilean far an robh eich, 's e crudha eich agus bha sin fhèin, bha e feum duine le beagan sgil airson a chuir air a chionn nan deidheadh cus cuideam air 's mathaid gun tigeadh an glanadh, pà irt dhan a' ghlanadh, air falbh 's pà irt air fhà gail dheth. Agus bha sin a' dèanamh am barrachd puinnsean dhan a' bheathach.
An uairsin, nuair a thòisich na tairbh Ghallda a' tighinn a-staigh agus barrachd bainne a' tighinn air a' chrodh, bha 'd buailteach a bhith faighinn fiabhras a' bhainne no teasach a' bhainne mar a chanas sibh ris ann a' Leòdhas.
Iain: A' chiad bhainne a thigeadh bhon a' mhart às dèidh dhith breith, bha dath rudeigin eadar-dhealaichte air 's tha mi a' smaoineachadh gu robh e na bu là idir ach ur beachd fhèin air a rud? Nach innis sibh dhuinn dè mar a bha e.
Dòmhnall Iain: O bha e na bu là idire dha-rìribh agus bha... well againne 's e bainne-buidhe na ciad-bhainne a bh' againn air. Agus bha e na bu tighe. Cha robh e buileach cho tiugh ri uachdar, no bà rr, ach bha e gu math, gu math na bu tighe na am bainne eile.
Nise, tha am bainne sin air leth, leth beartach agus 's e nà dar a tha dèanamh sin a chionn tha e air a chiallachadh airson a dhol dhan a' laogh. 'S tha e là n de mhathasan a tha a' toir dìon dhan a' laogh air galaran a dh'fhaodadh e ghabhail mar a faigheadh e am bainne sin. Agus bhiodh am bainne sin fhèin, bhiodh duine a' coimhead air thoiseach ri mart a bhith breith a chionn bhiodh laogh a' faighinn pà irt dheth.
Bha mòran agus creideas uabhasach aca nuair a deidheadh laogh a bhreith, bha 'd a' cur ugh na bhroinn, ugh mar a bha e, am plaosg 's a h-uile cà il a bh' ann, dìreach ga bhristeadh s ga chuir na bhroinn agus bha an ciad-bhainne na am bainne-buidhe, bha e uabhasach measail. Bhiodh duine a' dèanamh bruich bheag air 's bhiodh e an uairsin a' dol caran na ghruth. Cha robh e coltach ris a' ghruth a bhiodh ann na b' fhaide na sin idir; cha robh e gort idir. Ach tha cuimhne agam glè mhath mar a bhiodh duine a' coimhead air 'n adhart ri gum beireadh a' bhò agus gu faigheadh iad an ciad-bhainne.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.