
Seo at no lot a thigeadh air duine, gu tric fon achlais. Bhite ga leighis le bhith a' cumail faobhar là mhaig ris agus aig an aon à m ag aithris cunntais - aon gu dhà , dhà gu tri, trì gu ceithir, agus a' leantainn air adhart gu deich. Dh'fheumte an uairsin tilleadh, deich gu naoi, naoi gu h-ochd 's mar sin air adhart. Nan rachadh tu ceà rr fhad 's a bha thu a' cunntas chan obraicheadh e. Bhite a' dèanamh an aon rud airson leamhnagan no sleamhnagan a leigheas.
À Sgalpaigh
'S e a' bhreac smallpox agus glè thric dh'fhà gadh sin là raich air craiceann an duine air an robh e. 'S e na là raich sin blà th na brice.
Ma tha thu a' cnà mhan tha thu daonnan a' gearain is bhite ag rà dh "Dèan annlan air a' chnà mhan!" a' ciallachadh "Sguir a ghearain!"
Bhite a' togail a' bhuntà ta as t-Fhoghar agus, nuair a thigeadh an ath earrach agus a thòisichear a' tionndadh na talmhainn a-rithist, bhiodh an fheannag no an talamh anns an robh am buntà ta, an t-atharnach, cho furasta a thionndadh a bharrachd air an talamh anns an robh eòrna no seagal no coirce. Le sin bha e na shùgradh dhaibh nuair a thigeadh iad thuige, is chanadh iad sùgradh air atharnach ris.
'S ann a' cluich air fuaimean agus ciall a tha seo - ceud agus ciad; cliabh a' ciallachadh broilleach a bharrachd air rud anns an cuireadh tu mòine; ochd agus uchd.
Bho Iain MacAmhlaigh, Rathanais, Leòdhas
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.