
Bha Seonaidh Dòmhnallach, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, ag innse gu robh an dòigh seo air buntà ta a chur cumanta ann a' Slèite.
Bha iad an toiseach a' dèanamh loidhne le spaid. Bha 'd a' fosgladh a' chiad chlais, a' tionndadh a' cheap, a' cur car dhe taobh a-mach a' ròd agus an uairsin bha iad a' cur innear ann. Bha iad a' cur sìol bhuntà ta air uachdar na h-innearach, agus an uairsin a' fà gail cnà imh glas eadar sin agus an ath fhear.
Bha 'd an uairsin a' fosgladh ròd eile agus a' dùnadh a' chiad tè leis an ròd a bha iad air fhosgladh. Nuair a bha am buntà ta air tòiseachadh a' fà s, bha iad a' cur car dhan a' chnà imh ghlas airson luibhean a chumail sìos.
Seo facal eile airson an fheamainn liompan a tha coltach ri sreangannan caola, fada le dath eadar donn agus buidhe. Ach canar driamlach cuideachd airson an loidhne a bhiodh air slat-iasgaich.
Bho Seonaidh Ailig MacIlleathain, Griomasaigh, Uibhist a Tuath
Seo seòrsa de mhaorach a tha coltach ri srùban mòr, ach chan eil an t-slige corrach mar a tha slige an t-srùbain. Chì thu an-còmhnaidh iad ann an là thach, 's bhiodh iad gan togail bho chionn fhada airson iasgach, gan cuir air dubhain na lìn-mhòire.
Bho Seonaidh Ailig MacIlleathain, Griomasaigh, Uibhist a Tuath
Nuair a tha thu a' cruthachadh 's a' dèanamh na cruaich-mhònach, tha thu ga toirt a-steach.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.