
Tha bòrlanachd a' dol air ais linn no dhà no trì. B' e seo an obair a dh'fheumadh mà ladair a dhèanamh dhan uachdaran mar phà irt pà igheadh air mà l.
Bhiodh na h-uachdarain mar bu trice a' dùileachadh bhuapa seachd latha as t-Earrach aig à m cur, seachd latha as t-Fhoghar aig à m buain, agus seachd latha as t-Samhradh a' cà radh rathaidean, a' cà radh rathad an rìgh, mar a chante. B' e seo an aon à m a bhiodh iad a' faighinn gu rathad an rìgh, no rathad an uachdarain.
A bharrachd air bòrlanachd bha cà intean ann cuideachd, gu h-à raidh a-mach mu à m Samhna, nuair a bhiodh an t-uachdaran a' dleasadh caora bhon a h-uile dachaigh, caora cho math 's a bhiodh as a' sprèidh. Seo a' chaora chà raidh.
Bha e cuideachd cumanta gun dleasadh an t-uachdaran aon de na cearcan a b'fheà rr a bha aig teaghlach maille ri 's dòcha dusan no dà dhusan ugh. 'S e a' chearc fearainn a bhiodh aca air an sin agus tric gu leòr 's e cà in nan cearc a chante ris a' chà in. Bha duine ann a bhiodh a' dol timcheall a dhèanamh cinnteach gum pà igheadh a h-uile taigh cà in nan cearc agus 's e maor nan cearc a chante ris.
B' e Dòmhnall Rothach seumarlan aig an robh fìor dhroch chliù a bh' ann a' Leòdhas ann am meadhan na naoitheamh linn deug.

B' e Dòmhnall Ruadh nan Cearc a chante ris chionns gur e am fear mu dheireadh a bha a' dleasadh cà in nan cearc as an eilean. Anns a' bhà rdachd chumhachdach Spiorad a' Charthannais, tha bà rd Iarsiadar, Iain Mac a' Ghobhainn (1848-81) ag rà dh mu dheidhinn:
Tha Spiorad a' Charthannais agus bà rdachd eile le Iain Mac a' Ghobhainn air am foillseachadh anns an leabhar Bà rdachd Leòdhais, deasaichte le Iain N MacLeòid (Acair 1998)
Bha cà in uabhasach eile ann. Nuair a bhà saicheadh fear an taighe bha an t-uachdaran a' tighinn agus, nam biodh each anns an dachaigh, bha e a' dleasadh an eich. Agus mur a robh each ann, bha e a' dleasadh a' bhò a b'fheà rr a bha aig an teaghlach. 'S e bò ursainn a chante ris a' bheathach sin.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.