Bhiodh an constabal na dhreuchd airson ùine shònraichte, 's dòcha trì no còig no seachd bliadhna. Dh'fheumadh e a bhith math dha na daoine ach dh'fheumadh e a bhith cruaidh orra cuideachd. Uaireannan nuair a thigeadh à m an taghaidh 's dòcha gur e an aon duine a gheibheadh an dreuchd a-rithist. Ach bha facal a' chonstabal a bha a' fà gail na dreuchd an ìre mhath gabhte a thaobh cò an ath chonstabal.
Dh'fheumadh na croitearan a chomhairle a ghabhail. Bha smachd aige orra agus bha cumhachd aige.

Chuala Iain an sgeulachd mar seo bho Mhòr NicLeòid, Brù, Leòdhas.
"Bha i a' cantainn rium gu robh pìos dhan a' mhonadh, am pìos a b'fhaisge air a' bhaile, ann am baile sònraichte air an robh i fhèin eòlach, air a chur air leth dhan an uachdaran airson a bhith a' marbhadh chearcan-fraoich agus mar sin.
Agus, tha, mar a tha fios aig a h-uile duine, a' dol air ais linntean, bha tòrr feum ga dhèanamh dha fraoch.
Agus bha an dà bhoireannach a bha seo, bha iad airson beagan fraoch a thional, airson ròpan fraoich is rudan dhen t-seòrsa sin a dhèanamh.
Agus 's ann a thug iad man airidh nan èireadh iad moch madainneach agus, gu faigheadh iad na thogradh iad de fhraoch, air a' phà irt dhan a' mhonadh a bha air a chur air leth dhan an uachdaran, am pìos a b'fhaisg air a' bhaile. 'S rinn iad sin.
'S bha 'd a' tighinn dhachaigh le na h-ultaich fhraoich nuair a thachair iad ris a' chonstabal. Agus mhìnich e dhaibh a' rud a bha iad a' dèanamh, bha e mì-laghail 's mar sin, agus dh'iarr e orra a' fraoch a chur sìos agus chuir e a h-uile cà il a bh' ann na theine."
An dèidh èisteachd ris an sgeulachd, bha Dòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach cinnteach nach b' e constabal a thachair ris na boireannaich idir, ach gur dòcha gur e maor no bà illidh a bh' ann.
Dòmhnall Eà irdsidh: Bha m'athair, bha e grunn bhliadhnaichean na chonstabal as a' bhaile san deach mise a thogail. Agus tha cuimhne agam e bhith a' bruidhinn air rudan a bh' aige ri dhèanamh ach cha chuala mi riamh e a bhith a' gabhail gnothach ri cò a ghearradh fraoch, cò a ghearradh luachair, ach a' muran a bha a' fàs aig bearradh a' chladaich, bha sin air a roinn, a roinn air a h-uile duine a bha as a' bhaile.
Iain: A' robh gnothaich aca, agus 's ann an-drà sta fhèin dìreach a bhuail seo orm, robh gnothaich aca ris a' chladach fhèin, ris an fheamainn?
Dòmhnall Eà irdsidh: O bha. Nam biodh an fheamainn gann. Well, tha seo a' dol gu math fada air ais, fada ron an à m agamsa, bhiodh iad a' roinn na feamad nam biodh i gann.
Iain: Bhiodh.
Ruaraidh: Agus an diugh fhèin tha 'd, royalties air feamainn, mar a chunnaic sibh an Uibhist a Tuath bho chionn ghoirid agus cuideachd Uibhist a Deas. Tha 'd a' cur royalties air an fheamainn a tha iad a' toirt air tìr. Ach chanainn-sa ri Dòmhnall Eà irdsidh, tha mise a' smaoineachadh gur e am bà illidh a bha às dèidh a' chaileag, am boireannach bochd a bha sin, 's chan e an constabal. Cha chreid mi gu robh sìon a' ghnothach aig a' chonstabal ri dè fraoch a ghearradh am boireannach a bha sin. Co-dhiù airson na cearcan-fraoich, 's e rud math a th' ann a bhith a' losgadh fraoch. Ann a' strupaichean.
Iain: Seadh.
Ruaraidh: Airson na cearcan-fraoich. 'S mar sin, shaoilinn nach biodh e mòran ceà rr a bhith ga ghearradh.
Iain: Dè tha sibh ag rà dh ri siud, a Dhòmhnaill Eà irdsidh?
Dòmhnall Eà irdsidh: O tha mi ag aontachadh le Ruaraidh a' sin. Thoireadh, nuair a bha mise nam chìobair, 's ann a bhiodh na geamairean is na bà illidhean a' fà gail oirnn gu robh sinn ro thigheach air a bhith a' losgadh fraoch. Bha sinn airson fraoch a losgadh, 's bhiodh inghilt na b'fheà rr aig na caoraich 's aig na h-uain.
Bha na geamairean a' dèanamh a-mach gu robh sin a' milleadh nan cearcan-fraoich. Ach fhad 's a chumadh tu aig d' à m fhèin, an t-à m 's nach robh na cearcan-fraoich a' breith, cha dèanadh tu cron mòr sam bith orra.
Far am biodh fraoch mòr, fiadhaich a' fàs tarsainn air grìobannan 's air tuill ann an aibhnichean is rudan, bha e math sin a losgadh 's gu faiceadh caoraich is crodh 's beathach sam bith gu robh tuil-bheum ann a' shin 's nach d'reigheadh iad ann. Bha a' fraoch mòr fada a bha sin, bha e na chunnart do bheathach.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.