
Tha beithe ag iarraidh buigead airson fà s, ach ma tha i dlùth do chraobhan eile tha i a' call a cumadh gu math luath. Tha e air a rà dh ma thuiteas an sìol aice ann an à ite bog gu faic thu, an ceann seachdain, tè ùr air a bheil dà dhuilleag a' fà s. Greimichidh i an taobh a-staigh ochd uairean a thìde ma thuiteas i ann an à ite fà bharach.
Bha fiodh beithe air a chleachdadh airson sguaban airson nan cailleachan-dubha, agus airson piornaichean beaga, agus cuideachd airson bobain. Bha i air a cur gu iomadh feum ann am muilnean as an robh clòimh agus snà th air obrachadh.
Chionns gu robh i uabhasach còmhnard na cumadh, agus aotrom, bha i air leth freagarrach can airson rollairean ann am muileann.
Ann a' Fionnlainn bha fiodh beithe air a chleachdadh airson brògan fiodha a dhèanamh. B' à bhaist gur e na brògan fiodha a bha sin a bhiodh air na h-iasgairean ach, air sgà th agus gu robh iad cho cunnartach as na bà taichean, sguir an cleachdadh.
Nam biodh duine le brògan fiodha mu chasan a' tuiteam dhan uisge, bhiodh a' fiodh airson seòladh air uachdar na mara, a' ciallachadh gum biodh ceann an duine fodha is gu rachadh a bhà thadh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.