
Tha an fheà rna bòidheach agus, coltach ri seileach, 's toigh leatha talamh bog air bruaichean aibhne no an cois lochan. Ruigidh i trì fichead troigh a dh'à irde agus tha i sgaoilte agus rud beag crochte, air dòigh 's gu bheil i na laighe as a' ghaoith, a' gluasad gu lèir.
Bha i air a cur gu h-Ã raidh airson talamh a thiormachadh, no an cois aibhnichean.
Bha i air a cleachdadh mar chonnadh agus bha abairt ann, "Diùbhaidh nan diùbhaidh, feà rna fliuch!"
Bha am fiodh aice air a chleachdadh airson gà irdein is casan fuadain, agus airson gual-fiodha a dhèanamh airson fùdar-gunna.
Bha duilleagan an fheà rna air an cleachdadh airson fuar-lit nam biodh atan air duine.

Tha a' chraobh seo math airson gà rraidhean, gu h-à raidh airson fasgadh, chionns gu bheil i cho seasmhach a thaobh na gaoithe. Chan eil na meanglanan sgaoilte a-mach, tha iad a' dol an-à irde ri taobh na craoibh fhèin.
Bha am fiodh air a chleachdadh airson rollairean ann am muilnean. Cha robh aca ach a' chraobh a ghearradh, an rùsg a thoirt bhon stoc agus beagan cumadh a thoirt air.
Tha, mar gum biodh, toinneamh as an stoc aice, no mar a chuir Iain Murchadh e, "Seann samhla a bh' ann, nuair a dh'fhà sadh i an à rda pìos, gu robh mar gum biodh là mh mhòr a' feuchainn ri toirt às an talamh, 's chitheadh tu snìomh as a' stoc aice".
Tha an duilleag aice mar còig meuran, mar còig duilleagan còmhla, mar bois duine, agus tha a' sìol a' tuiteam dhiubh agus a' greimeachadh as an talamh.
Craobh mhòr a th' innte, a dh'fhà sas gu ceithir fichead troigh. Bheir i mu thrì fichead bliadhna a' tighinn gu ìre cà il a dhèanamh leatha. Tha a' fiodh luachmhor agus math fhèin airson fìdhlean a dhèanamh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.