Bha Lachaidh MacGillÌosa, Stafainn, an t-Eilean Sgitheanach, ag innse gur e seo a bh' aca air a' bhad mu dheireadh a bhuaineadh duine, ann an suidheachadh can far an robh dithis nà baidhean ri obair buain aig an aon à m.
Nuair a bhuaineadh aon duine aca am bad mu dheireadh, nam biodh a nà baidh fhathast gun chrìochnachadh, bheireadh e dha am bad mu dheireadh a bhuain e-fhèin agus sin an deir'-bhuana.

Chanadh cuid A' Chailleach no An Gobhar Bacach ris a' bhad seo agus ann an à itichean bhite a' cur a' bhad seo ann an cumadh croise 's ga thoirt do nà baidh.
Ann an cuid a dh'à iteachan bha A' Chailleach no An Gobhar Bacach air a chrochadh as a' bhà thaich agus air fhà gail a' sin gu toiseach an ath earraich. Nuair a dheidheadh na h-eich a-mach a threabhadh airson a' chiad uair, seo a' chiad bhiadh a bha iad a' faighinn.
Do chuid bha e na rudeigin de nà ire a bhith a' faighinn An Gobhar Bacach no A' Chailleach oir bha e a' samhlachadh gu robh iad air dheireadh air na nà baidhean eile. Ach bha Lachaidh ag rà dh gu robh seo cuideachd a' samhlachadh gu robh an duine a bha toirt a' bhad seachad, deiseil dhen a' bhuain aige fhèin agus gu robh e deònach a nà baidh a chuideachadh.
Bhiodh na pà ircean beaga no pìosan fearainn seo mar is trice air taobh a-muigh nan croitean. As a' chumantas, cha b' ann aig croitearan no aig daoine a bha ag obrachadh an fhearainn a bha iad, ach mar eisimpleir aig daoine leithid iasgairean a bha a' dèanamh an bith-beò aig muir 's nach robh ri obair fearainn gu ìre mhòr sam bith. Bhiodh iad a' fuireach as na buailtean ach cha robh còraichean fearainn aca.
Nuair a dh'fhà gadh duine dhen t-seòrsa seo a' bhuaile as an robh e a' fuireach, bha a' bhuaile a' dol air ais chun an uachdarain.
Bho Lachaidh MacGillÃŒosa, Stafainn, an t-Eilean Sgitheanach
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.