'S e a' freumh aig a' raineach a tha anns a' bhun-dubh agus bha Donnchadh MacMhathain ag innse mar a bhathas ga spìonadh às an talamh, bun le bun.
Tha e coltach gu bheil trì no ceithir a dh' òirlich uaireannan de bhun-dubh air a' raineach agus gu bheil maireannachd uabhasach ann. Bha bodaich ag innse dha nach biodh e neo-à bhaisteach do thaigh a bha air a thughadh le bun-dubh mairsinn ceithir fichead bliadhna co-dhiù, nas fhaide na fraoch no cuilc Shasannach.

'S ann dìreach mun à m seo dhen bhliadhna a bhite a' tarraing a' raineach, dìreach nuair a tha i a' fàs ruadh agus a' fàs righinn aig an aon à m.
Bha 'd ga tarraing bun le bun agus bha 'd a' toirt an duilleach air a' cheann aice dhith le bhith ga shlaodadh tro là mh. Bhiodh cromag bheag fiodh aca le dul bheag ann agus b' e slacan a theireadh iad ris. Tharraingeadh iad tron t-slacan e oir bha raineach glè throm air là mh. Nuair a bha i a' fàs tioram is cruaidh, dh'fhaodadh stob a dhol tro do là imh.
Bha dòigh aca air innse nuair a bha gu leòr bun-dubh aca airson taigh a thughadh. 'S e theireadh iad, "dusan bun san dòrn." Bha sin dusan bun a bha thu a' tarraing an toiseach 's gan cuir an dara taobh.
Agus bha thu rèiste a' cur dusan dòrn ann a' slocan 's bha sin mar gum biodh sguab mhòr agad.
An uair sin bha "dusan slocan sa chà rn", agus b' e sin an cà rn-slaod a bhiodh aca airson a thoir dhen a' mhonadh. Bhiodh iad a' cur dusan dhe na slocain as a' chà rn-slaod.
Sin a theireadh iad nuair a bha 'd ga bhuain. "Dusan bun san dòrn. Dusan dòrn san t-slocan. Agus dusan slocan sa chà rn."
Dh'fheumadh tu mòran sluagh airson bun-dubh a thional oir bha obair mhòr ann a bhith a' cruinneachadh na dh'fheumadh tu airson mullach taighe.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.