Nan canadh tu gu robh do leòr agad ri dhèanamh, bhiodh tu ag rà dh gur e sin an ìre mhath na b' urrainn dhut a dhèanamh. Agus dh'fhaodadh do charaid an uair sin cantainn, le co-fhaireachdainn, "Tha là n do sheacaid agad!"
Bho Lachaidh MacGillÃŒosa, Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach

Chante seo ri cuideigin a bha an-diugh gu math na b'fheà rr dheth na bha iad uaireigin. Bhite a' cur cnotain, coltach ri bogsaichean fiodha, uaireigin timcheall air luinn nan rà imh gus an suidheadh iad ceart air beul na h-eathar agus nach biodh iad a' caitheamh.
B' e lunn am pìos dhen rà mh a tha a' falbh bho far a bheil grèim agad air chun an liagh, am pìos a bhios as a' mhuir. Tha a' lunn fada agus cruinn, agus, gus a suidheadh e ceart air beul na h-eathar, bhiodh iad a' cur ceithir bùird timcheall air pìos dheth, mar bogsa, agus b' e sin an cnotan.
'S e mar gum biodh adhartas a bh'ann nuair a chaidh cnotain a chuir air rà imh agus, le sin, bha "mas deach do rà imh a chnotadh" a' ciallachadh "mas d'fhuair thu air adhart san t-saoghal".
Chante seo riut nam biodh tu air rudeigin a bha uabhasach saillte ithe.
Nam biodh tòrr dhaoine a-staigh agad chante seo le duine a thurchradh tighinn a-staigh. Bhiodh e a' ciallachadh gu robh tòrr fuaim, no fiù gleadhraich, as an taigh.
Bho Nan NicLeòid, An Rubha, Leòdhas
Chante seo nuair a bha duine a' falbh bho à ite gu à ite, 's gun fhios cà ite an robh e.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.