Bha amannan dhen bhliadhna ann a bha sònraichte do chloinn, agus bha Oidhche Shamhna air aon dhiubh sin.
Ceit Anna Mhoireasdan, Cille Mhoire, An t-Eilean Sgitheanach: 'S ann an Cille Mhoire a rugadh 's a thogadh mi. Is 's e oidhche mhòr a bh' ann air son cha robh mòran cleasachd againn, shìos a-mach air an dùthaich mar sin.
Bhiodh sin gar dreasaigeadh fhìn suas ann a' seann lùireachan, 's bhiodh m'athair a' dèanamh aghaidh-choimheach dhuinn agus bhiodh e a' dèanamh ad mhòr bhiorach dhuinn air luachair, fhios agad, mar a chitheadh tu dealbh bana-bhuidseach.
Is bhiodh sinn a' falbh an uair sin air na taighean agus bhiodh tuba ann a' shin, 's bhiodh ùbhlan ann. 'S bhiodh sinn a' dookadh airson na h-ùbhlan a bha sin.
Agus bhiodh iad a' cur sgona air sreang agus ga chrochadh agus a' cur trèiceil air. 'S dh'fheumadh tu feuchainn ri grèim a thoirt à sin. Agus bhiodh t' aodann gu math dubh nuair a gheibheadh tu greim a thoirt à s, nan deidheadh agad idir air greim a thoirt à s.
Cha bhiodh a' sin ach na nigheanan còmhla. Bhiodh na balaich, bhiodh iad a falbh leotha fhèin.
Angusina Palmer, Na Druimneanan, A' Mhorbhairne: Thogadh mi ann an à ite ris an abradh iad Glen Morvern anns Na Druimneanan anns a' Mhorbhairne. Bha daonnan rudeigin a' dol air aghaidh. Bha a' chlann, nuair a bha mi fhèin beag, b' à bhaist dhaibh a bhith a' dol mun cuairt air na taighean a bha teann orra.
'S bha mi a' cur seann aodach orm, 's false face mar a b' à bhaist dhuinn a' rà dhainn riutha, 's a' faicinn gun dèanamaid beagan seinn 's gheibheamaid ùbhlan 's cnothan 's sgillinnean. Bha trickearachd uaireannan a' dol air adhart.
Tha cuimhn' agam aon bliadhna, thà inig na guisers, mar a b' à bhaist dhuinn a bhith ag rà dhainn riutha.
Geamair a bha nam athair-sa, 's bha e air oighreachd agus bha taigh a' gheamair agus taigh a' ghà irnealair taobh ri taobh.
Agus bha togalaichean far an robh na h-implements 's na tools aig a' ghà irnealair air falach. Bha 'd air an cumail a' sin airson a bhith sà bhailte.
'S thug iad a-mach a h-uile tool a bha as an t-shed sin, am barra-roth, 's na rà cain, 's na spaidean 's na grà pan, 's na hoes, agus na sreangannan a bh' aige airson na loidhnichean aige a chumail dìreach.
Agus chuir iad a h-uile fear ceann gu ceann gu ceann gu ceann gus an do ruig iad a' rathad mòr.
Chaidh iad a dh'ionnsaigh tuathanas agus bha cairt na suidhe a-mach. Thug iad na cuibhleachan far a' chairt, 's chuir iad a' chairt air a cliathaich, 's ghiùlain iad a-staigh do... cha chreid mi nach e shed an tairbh a bh' ann, ma tha cuimhn' agam ceart.
Agus chuir iad a' chairt a' sin, 's chuir iad na cuibhleachan air ais oirre a-staigh san t-shed, agus dh'fhà g iad a' sin i.
Thà inig an duine a-mach sa mhadainn, 's bha a' chairt aige a-staigh a' shed an tairbh. Dh'fheumadh na cuibhleachan a' thoirt dhith a-rithist, 's an toirt a-mach.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.