Bha daoine a' creidsinn nam biodh losgadh-brà ghad air boireannach a bha trom gur e balach a bu dualtach a bhith aice, agus balach a dheigheadh a bhreith le crà ic fuilt air.
Bhathas cuideachd a' creidsinn nach robh gu math dhut cà il sam bith a chaitheamh air boireannach a bha trom.
Bho Fhionnlagh MacLeòid, Nis agus Siabost

Tha luachair sònraichte a' fàs faisg air an sgoil ann am Bragar a thathas a' smaoineachadh a thà inig as an Èipheit, 's gur e fear de Chlann Ic Phà il a thug ann e. Tha e mòr, coltach ri bulrush.
Bhite ga ghearradh, 's ga thiormachadh air an t-sìoman, 's bha roill a' tighinn à s. Aon uair is gu robh e tioram, dubh, bhathas ga shnìomh, 's ga thoinneamh airson sìoman a dhèanamh airson chruachan agus airson eallaich choirce a ghiùlain.
Bho Fhionnlagh MacLeòid, Nis agus Siabost
Bha Donnchadh ag innse mar a fhuair brà thair a sheanmhair dà thora airson a bhith a' dèanamh thuill ann am fiodh. Bha e ag rà dh gu robh e an uair sin air a mheas mar dhuine beartach chionns gu robh tora aige. Bha an tora sin fhathast aig Donnchadh fhèin.

Tha feadan ann a bhios tu a' cluich agus gheibh thu feadan a tha mar gil bheag air a' mhòintich. Tha feadan cuideachd ann a' sine na bà .
Tha dà mhair na h-oidhche no marbhan na h-oidhche a' ciallachadh teis-meadhan na h-oidhche no an t-à m bu duirche.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.