Tha an criathar ann am muileann Gharraboist mu seachd troighean a dh'fhaid, agus mu dhà throigh a leud. Tha e a' dol air ais 's air adhart nuair a tha a' mhuileann ag obair.

Tha an grà n a' tuiteam sìos air gauze agus thathas ga ruidealadh air uachdar a' ghauze seo. Tha an dust a' tuiteam troimhe, 's tha e air a thilgeil a-mach.
'S e a' chiad moll a tha a' tighinn bhon a' ghrà in, dùbhdan no dùd mar a bhios aig cuid air. Bhiodh daoine ga thoirt dhachaidh agus ga bhruich le buntà ta dhan a' chrodh.
Tha slige a' ghrà in gu math aotrom ach tòrr nas gairbhe na an dùbhdan. Bha e air a chleachdadh airson bobhstairean agus cluasagan a lìonadh.
Bha meidhean iarainn anns a' mhuileann airson a' mhin a thomhais.
Bha deich clachan no 140 punnd ann am bolla min eòrna.
(Le taing do Graham Moireasdan airson na dealbhan de Mhuileann Gharraboist)

Nan canadh duine seo bhiodh e a' ciallachadh airson na bh' aige-san, gu robh e coma dè thachradh.
Bha an còmhnaidh cunnart ann gun deidheadh à th na teine, uair no uair a choireigin.
Chante seo ri duine aig nach robh ùidh a bhith an à ite sam bith mur a robh gnothaich aige fhèin ann, 's buannachd gu bhith aige fhèin à s.
Tha seo a' ciallachadh gur fheà irrde brà a geurachadh.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.