
Thurchair Iain air An t-Urr. Dòmhnall MacAmhlaigh, Beà rnaraigh, Leòdhas dìreach às dèidh gèile mòr. Bha e a' faighneachd do dh'Iain am b' aithne dha am facal "agadh". Cha b' aithne.
Bha e a' cantainn ma bha thu a' cumail do shùil a-mach air an latha a bha an gèile mòr ann, gu mothaicheadh tu gun do thòisich a' ghaoth agus i an ìre mhath còmhnard às an iar. Bha an t-Urr. MacAmhlaigh air a bhith a' bruidhinn ri fear a thuirt "Tà , tha agadh beag aice chun an iar-dheas". Dìreach mar gum biodh a' ghaoth ag iarraidh gluasad rud beag.
"Tha i a' teannadh chun iar-dheas", chanadh cuid, no "Bha aithneachadh beag aice chun iar-dheas".
Bhiodh na seòladairean uaireigin ag rà dh nuair a bhiodh gaoth mhòr ann, mas tionndaidheadh i, gun deigheadh i na bu mhotha, no dìreach as an tionndadh aice gur ann na b'fhiadhaich buileach a bhiodh i.
Thug an t-Urr. MacAmhlaigh cuideachd iomradh air eòrna. Bha e ag rà dh, mar is trice, nuair a tha daoine a' cur rud sam bith dhan t-seòrsa sin, tha iad a' sealltainn ri feannagan len aghaidh gu deas. Tha iad an uair sin a' glacadh na grèine 's a' bhlà iths, 's bidh barrachd fà is air a' rud a thèid a chur.

Ach cha b' e seo buileach a bhiodh iad ag iarraidh uaireigin. Bhiodh iad ag iarraidh co-dhiù aon fheannag de dh'eòrna a bhith le h-aghaidh gu tuath.
Bha seo chionns gum biodh an sìol a thigeadh à feannag 's a h-aghaidh gu tuath, tòrr na bu chruaidhe, agus na b'fheà rr. Seo a' sìol a bhiodh iad a' cur air leth, can, nam biodh iad airson deagh uisge-beatha no fior dheagh aran a dhèanamh.
Mur a' robh feannag aig duine le h-aghaidh gu tuath, bhiodh iad a' taghadh an eòrna a thigeadh às a' sgrìob a b'fhaide tuath, as nach robh uiread a dh'fhà s, airson seo.
Ma tha rud a fàs nas slaodaiche, 's dòcha aig a' cheann thall gum bi e nas fheà rr. Eisimpleir eile, 's e feusgain. As na h-eileanan, mas fàs na feusgain can gu dà òirleach, tha iad a' toirt suas ri dà bhliadhna. Ach as na tìrean nas blà ithe, mar An Fhraing, fà saidh na feusgain gu dà òirleach ann a' sia no naoi mìosan.
Cha robh a mhathair airson agus gu falbhadh a mac bhon taigh agus seo mar a thuirt i ris:
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.