"Tha e coltach gur e maoth-chnà imh a tha ann an cnà mhan a' sgait agus nuair a tha am beathach marbh bidh iad a' bristeadh sìos agus a' cur a-mach an gas, ammonia. Seo an t-adhbhar a tha fà ileadh ammonia bho bhiorach no bho dhallag a tha a' grodadh air a' chladach.
Nuair a tha sgait air a thiodhlacadh ann an òcrach, tha an èadhar air a ghlasadh a-mach, agus mar sin cha ghrod an t-iasg. Ach tha an ammonia a' cruinneachadh fon a' chraiceann, agus tha an craiceann seo ag èirigh air falbh bhon fheòil.

Tha seo a' fà gail a' sgait gu math furasta fheannadh, mus tèid a bhruich. Nan robhas air fhà gail air uachdar an talamh, ghrodadh e. Chan eil fhios agam le cinnt a bheil seo ceà rr ach saoilidh mi gu bheil ciall anns a' mhìneachadh."
Litir bho Mhurchadh Peutan, an t-Sruthan, An t-Eilean Sgitheanach.
Cha robh gnothaich sam bith aig a bhith cur sgait ann an todhar ri bhith ga cur dhan an òcraich. 'S e bha todhar a' ciallachadh ann an iomadach à ite, an fheamainn a gheibheadh tu air a' chladach. Bhiodh iad a' cur nan sgaitean a-steach fo na staimh agus fon a' liadhag a bhiodh air a' chladach.
Ann a' sgìre Nis, agus air a' Bhac, Leòdhas, bha Iain a' bruidhinn ri daoine aig an robh cuimhne a bhith a' cur sgait ann a' leabaidh chonnlaich fo thodhar na bà . Ach bha an còmhnaidh connlach eadar i agus an todhar. B' e an dearbh adhbhar a bhathas a' dèanamh seo, a' mìneachadh a thug Mhurchadh Peutan na litir.

'S e pìos fiodh a bh' ann, mu mheud cas ùird can, agus pìos clòimh air a cheangal air a' bhà rr aige, agus, 's dòcha teà rr no ola no paraffin air a' chlòimh.
Bhiodh iad ga lasadh agus a' falbh leis mar a bhiodh iad as na seann là ithean le teine ceann fòid.
Chuala Dhòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach, An t-Oban, mu dheidhinn bho bhoireannach as a' Mhanachainn.
B' e seo casg no tuba no baraille den t-seòrsa air an robh iad a' bruidhinn an t-seachdain a chaidh. Tha e coltach gu robh e rud beag eadar-dealaichte bho bharaille nà darrach.
Bhiodh dhà dhe na clèithean a bhiodh a' dèanamh a' bharaille na b' à irde na na dhà eile. Bha mar gum biodh dà chluais an-à irde, agus bhiodh iad gan tolladh agus a' cur maide troimhe.
Dh'fhaodadh duine a bhith an uair sin aig gach ceann dhen a' mhaide airson an cùdainn a thoirt leotha, agus e là n uisge. 'S e maide na cùdainn a chante ris a' mhaide a bha sin, no maide a' bhallain.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.