Âé¶¹Éç

Facal Oirbh, Âé¶¹Éç Radio nan Gàidheal, 15 Dùbhlachd 2009

  • 1
  • 2
  • 3

Seanfhacail agus Abairtean

Is fheàrr clann bheaga a' gal na seann daoine

Cha bhi adhbhar cho mòr sin aig daoine beaga airson a bhith a' gal ach tha a' chùis eadar-dhealaichte a thaobh inbhich.

Coileach

An-uair ort!

'S seòrsa de dhroch ghuidhe a tha seo. Tha an-uair a' ciallachadh fìor dhroch shìde, agus nan canadh tu "An-uair ort!" ri duine bhiodh tu a' guidhe gu rachadh e tro àm rudeigin duilich na bheatha.

Fhuair thu port a rèir do choise

Fhuair thu a' rud a bha thu ag iarraidh, rud a bha a' tighinn ort.

Is iomadh car a fhuair mi, ars a' bhreacag eòrna

Cha do thionndaigh thu an taobh ascaoin dheth

An uair a thòisicheas rudan a' dol ceàrr eadar thu fhèin is duine a bha thu a' smaoineachadh a b' aithne dhut, 's ann a chì thu ceart cò a th' agad. Cha deach thu a-riamh a-mach air, ach ma thèid, 's dòcha gu faic thu duine glè eadar-dhealaichte bhon duine air a bheil thu eòlach agus a tha thu a' moladh.

Na mol duine cus mus tig ort a chàineadh

Am bodach a bha a' Latharna, nuair nach b' urrainn dha bruidhinn, dh'fhanadh e sàmhach

Seo comhairle do dhuine gabhail air a shocair a thaobh dè tha e ag ràdh.

Is làidir luchag fo cruaich fhèin

Is làidir cù air a dhùnan fhèin

Is làidir coileach air òtrach fhèin

Is ladarna cù air a shitig fhèin

Ged a chuirinn mo charaid ann am poca, cha leiginn le neach eile snaidhm a chuir air

Ged is urrainn dhut fhèin trod ri caraid cha sgaoileadh tu mach e gu duine sam bith eile.

'S ioma rud a thèid ma chagailt nach tèid ma bhaile

Tha caran an aon chiall aig an t-seanfhacal seo ris an fhear tha tighinn roimhe.

Eun air sgèith

A' fear nach eil cleachdte ri claidheamh, fàgaidh e air an tom e

Mur a bheil thu eòlach is cleachdte ri bhith ag obair le uidheam sam bith, eu-coltach, can, ri saor a ghleidheas an t-òrd aige an còmhnaidh, bidh tu dualach a leigeil sìos is an ceann ùine cha bhi sgeul agad air.

Lite is bainne, lòn leanabh

Lite is lionn, lòn seann duine

Facal à beul is eun air sgèith

Bho chanas tu facal, tha e a-muigh 's chan urrainn dhut gu bràth a thoirt air ais. Tha e mar eun a falbh air sgèith, agus chan eil fios agad càite an tadhal e no càite an tèid e.

Âé¶¹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.