|
 |
 |
 |
Geòcair
na Coille
Aon
là bha mise nam shuidhe faisg air oir na coille‚ ag ithe grèim bìdh. Gu
h-obann‚ ruith balachan òg a-mach às a’ choille faisg orm. Bha pocan aige
na là imh. Bha e a’ stad gu tric is a’ sealltainn air a chùlaibh. Thuirt
mi rium fhèin‚ "Tha eagal air a' bhalachan."
B’ e balachan òg a bha ann agus bha briogais agus lèine ruadh, shean-fhasanta
air. Ach ged a bha e a' ruith, cha robh eagal air idir. 'S ann a bha e aoibhneach‚
toilichte. Dh'fhosgail e am pocan. Agus bha dearcan dearga ann.
Bha blas annasach orra. Milis agus searbh. Bha pailteas dhiubh aig meadhan
na coille. Bhuain am balach na ceudan‚ ach theab e gun gin fhaighinn dha
fhèin. Thuirt am balachan rium‚ "Bidh Geòcair, Geòcair na Coille, a' goid
nan dearcan bhuam cho luath is a bhuaineas mi iad. Ma tha thu ag iarraidh
fhaicinn‚ chì thu e sa choille an-drà sta."
Chaidh mi a-steach dhan choille. Bha dùil agam gum faighinn sealladh dhen
Gheòcair agus gun cuirinn ceistean air. Bha mise cho beag agus bha na craobhan
cho mòr. Bha solas na grèine a' bualadh thall 's a-bhos. Chunnaic mi na
dearcan agus thòisich mi air am buain!
Bha Geòcair na Coille an-siud romham Bha e cho beag agus bha an smiogaid
aige air a liacradh le sùgh nan dearcan! Bha aodach teann buidhe air agus
bha e a’ bocadaich agus ag rà dh:
Hith-hoth, failili-oth!
Ithidh mise na dearcan sin!
Togaidh mi às do phòcaid iad!
Cho luath ‘s a bhuaineas tusa iad!
Hith-hoth, failili-oth!
Thuirt mise ris, "A Gheòcair, tha thu sanntach, millteach, mosach! Tha thu
a' goid nan dearcan agam! Ach cuiridh mise air falbh thu ma lorgas mi rudeigin
a nì sin."
Cà ite am faigh mi rudeigin a ruaigeas Geòcair na Coille? Gheibh mi slat
às a' chraoibh seo! Agus thuirt a’ chraobh, "Ceart. Ach mus dèan mi dhutsa
sin, thoir thusa thugam rudeigin a ghearras mi."
Ach cà ite fon ghrèin am faigh mi rud a ghearras slat, a ruagas Geòcair,
mus sluig e mo chuid dhearcan? Chùm mi orm a' coiseachd anns a' choille
agus an uairsin chunnaic mi tuagh.
Thuirt an tuagh, "Mise tuagh a ghearras slat. Ach mus dèan mi dhutsa sin,
thoir thusa thugam rudeigin a ghleusas mi."
Ach cà ite fon ghrèin am faigh mi rud a ghleusas tuagh,
a ghearras slat,
a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
Chuala mi guth. "Mise clach a ghleusas tuagh. Ach mus dèan mi dhutsa sin,
thoir thusa thugam rudeigin a fhliuchas mi."
Cà ite fon ghrèin am faigh mi rud a fhliuchas clach,
a ghleusas tuagh,
a ghearras slat,
a ruaigeas Geòcair mus sluig mo chuid dhearcan?
Chùm mi orm a' coiseachd gus an do rà inig mi loch. "Mise loch uisge a fhliuchas
clach. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin a shnà mhas
mi."
Cà ite fon ghrèin am faigh mi rud,
a shnà mhas loch uisge,
a fhliuchas clach,
a ghleusas tuagh,
a ghearras slat,
a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise fiadh a shnà mhas loch uisge. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa
thugam rudeigin a sgiùrsas mi."
Ach cà ite fon ghrèin am faigh mi rud a sgiùrsas fiadh,
fiadh a shnà mhas loch,
a fhliuchas clach,
a ghleusas tuagh,
a ghearras slat,
a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise cù a sgiùrsas fiadh. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam
rudeigin a shlìobas mo chasan."
Cà ite fon ghrèin am faigh mi rud a shlìobas cù,
a sgiùrsas fiadh,
a shnà mhas uisge,
a fhliuchas clach,
a ghleusas tuagh,
a ghearras slat,
a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise ìm a shlìobas cù. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin
a sgrìobas mi."
Cà ite fon ghrèin am faigh mi rud a sgrìobas ìm,
a shlìobas cù,
a sgiùrsas fiadh,
a shnà mhas uisge,
a fhliuchas clach,
a ghleusas tuagh,
a ghearras slat,
a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise luch a sgrìobas ìm. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam
rudeigin a shealgas mi."
Cà ite fon ghrèin am faigh mi rud a shealgas luch,
a sgrìobas im,
a shlìobas cù,
a sgiùrsas fiadh,
a shnà mhas uisge,
a fhliuchas clach,
a ghleusas tuagh,
a ghearras slat,
a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise cat a shealgas luch. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam
rudeigin a dh' òlas mi."
Cà ite fon ghrèin am faigh mi ruda dh’ òlas cat,
a shealgas luch,
a sgrìobas ìm,
a shlìobas cù,
a sgiùrsas fiadh,
a shnà mhas uisge,
a fhliuchas clach,
a ghleusas tuagh,
a ghearras slat,
a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise bò a bheir bainne a dh’ òlas cat. Ach, mus dèan mi dhutsa sin, thoir
thusa thugam rudeigin a chagnas mi."
Cà ite fon ghrèin am faigh mi rud a chagnas bò a bheir bainne,
a dh òlas cat,
a shealgas luch,
a sgrìobas ìm,
a shlìobas cù,
a sgiùrsas fiadh,
a shnà mhas uisge,
a fhliuchas clach,
a ghleusas tuagh,
a ghearras slat,
a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise croitear a bheir coirce a chagnas bò. Ach mus dèan mi dhutsa sin,
thoir thusa thugam bonnach blà th ri ithe."
Cà ite fon ghrèin am faigh mi bonnach blà th dha croitear a bheir coirce,
a chagnas bò,
a bheir bainne,
a dh òlas cat,
a shealgas luch,
a sgrìobas ìm,
a shlìobas cù,
a sgiùrsas fiadh,
a shnà mhas uisge,
a fhliuchas clach,
a ghleusas tuagh,
a ghearras slat,
a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise còcaire a nì bonnach blà th dha croitear. Ach mus dèan mi dhutsa sin,
lìon am bòbhla sin le bùrn a fhliuchas a’ mhin dhomh, a dh'fhuineas am bonnach."
Tha toll anns a’ bhobhla! Cha ghlèidh e deur! Ciamar a bheir mi bùrn gu
còcaireann ann am bobhla le toll air? Cuiridh mi crèadh ann!
Bha mi a’ ruith le,
bùrn gu còcaire,
bonnach gu croitear,
coirce gu bò,
bainne gu cat.
Agus sealgaidh cat luch.
Sgrìobaidh luch ìm.
Slìobaidh ìm cù.
Sgiùrsaidh cù fiadh.
Snà mhaidh fiadh uisge.
Fliuchaidh uisge clach.
Gleusaidh clach tuagh.
Gearraidh tuagh slat,a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan!
An uair a thill mise leis an t-slait‚ bha Geòcair na Coille air spreadhadh!
Cha robh sgeul air!
|
|