|
 |
 |
 |

Tha là rach Ioma-rud a’ tairgsinn taic a thaobh sgrìobhadh
mac-meanmnach aig ÃŒre B.
Tha i ag amas air clann a chuideachadh gu :
- bun-bheachdan a
thoirt gu buil
- taghadh asta na
tha iomchaidh
- an toirt air adhart
le leudachadh air teacsa ann an dòighean freagarrach
- beachdachadh leis
an tidsear agus / no an co-aoisean
- ath-dhreachd a
thoirt gu buil
5-14 Sgrìobhadh (Stiùireadh Nà iseanta t.d.22 )
’S ann air Sgrìobhadh aig Ìre B a tha an là rach
seo aÂ’ cuimseachadh, gu h-Ã raidh air na h-iallan:
- Sgrìobhadh
o mac-meanmna
Mar a Chleachdar là rach Ioma-rud
Tha duilleagan na là raich air an cruthachadh mar gum biodh sgoilearan
ag obair air an iris Ioma-rud a chì iad anns na prògraman
telebhisein.
Às dèidh dhaibh gach gnìomh a choileanadh, faodaidh
a’ chlann an obair a chlò-bhualadh. Aig ceann gnothaich bidh
pasgan de dhÂ’ochd duilleagan aca .Faodaidh iad Ioma-rud pearsanta
a dhèanamh le bhith gan cur am broinn nan duilleagan aghaidh agus
cùil a lorgar anns an roinn M’Ioma-rud fhìn.
Faidhle nam Facal
Tha leth cheud prìomh fhacal bhon t-sreath telebhisein ann am Faidhle
nam Facal. Còmhla ri gach prìomh fhacal tha taghadh de cho-fhaclan
agus ghnà thasan-cainnt a bhios feumail dhaibh.
Bheir Faidhle nam Facal taic ann a bhith a’ cur crìoch air obair
na là raich. Faodar cuideachd a chlò-bhualadh agus a chleachdadh
air leth bhon là raich.
Notaichean Tidseir
Tha na notaichean a tha a’ dol an cois sreathan rèidio agus
telebhisein Ioma-rud rim faotainn air là rach Âé¶¹Éç Alba, cuide
ri notaichean airson gach prògram foghlaim a tha air Craoladh nan
Gaidheal.
Stòiridhean Ruairidh
Tha na deich stòiridhean a bha anns na programan telebhisein, Ioma-rud,
rim faotainn air là rach Ioma-rud. Faodar an cur an clò.
Dè thuirt Sìne?
An seo chì sibh agus cluinnidh sibh na molaidhean agus na prìomh
phuingean-stiùiridh air sgrìobhadh mac-meanmnach a thug Sìne,
neach-deasachaidh Ioma-rud do Ruairidh, an sgrìobhaiche, anns
na prògraman telebhisein.
‘S e cuimhneachan a tha an seo do sgoilearan air cuid de na nithean
dom feum iad aire a thoirt nuair a bhios iad a’ sgrìobhadh stòiridh
macmeanmnach.
|
|