|
 |
 |
 |
Caraidean
B’ e caraidean a bha
ann an Lasaidh agus ann am Bob. Bha iad air a bhith a' fuireach còmhla ann
an taigh Eilidh bho bha Lasaidh beag, bìodach.
B’ e cù mòr dubh agus geal a bha ann am Bob. Shaoileadh tu gun robh e greannach
aig amannan ach cha robh. B’ e cù ciallach a bh' ann. Bha e tric agus dragh
air mu charaid, Lasaidh.
B’ e cuilean beag, geal a bh' ann an Lasaidh. Bha i òg agus, aig amannan,
amaideach. Bhiodh i daonnan a' falbh astar bhon taigh. "Chan eil scot aice",
bhiodh Bob ag rà dh ris fhèin. "Thèid i air chall là brèagha air choreigin".
Agus mar a thuirt Bob, b’ ann a thachair. Thà inig eun beag buidhe a-steach
do ghà rradh Eilidh aon là . Chaidh Lasaidh a chluich còmhla ris ach dh' fhalbh
an t-eun is stad e air an fheansa taobh thall an rathaid. Lean Lasaidh.
Dh' fhalbh an t-eun a-rithist. Ma dh' fhalbh, dh' fhalbh agus Lasaidh. Lean
i an t-eun o à ite gu à ite, na b’ fhaide 's na b’ fhaide air falbh bho ghà rradh
Eilidh.
Dh' fhàs i dorch. Bha Bob a' faireachdainn iomagaineach. Cà ite an robh Lasaidh?
Carson nach robh i a' tilleadh dhachaigh? Smaoinich Bob gum feumadh e a
dhol air a tòir.
Bha an oidhche nise dubh dorch. Bha cùram mòr air Bob. Bha beagan eagail
air cuideachd, ach dh' fheumadh e a bhith treun. Ruith e an ear agus an
iar, gu tuath agus gu deas gus an robh e fhèin a' faireachdainn fann le
sgìths.
An uairsin chuala e comhart bheag. Stad e. Dh' èist e gu furachail. Chuala
e comhart bheag lag eile. Chaidh e air adhart agus shìos aig bonn toll grannda
dubh, lorg e Lasaidh bhochd. Bha i fuar is salach. Bha i air chrith leis
an eagal. Bha i fann leis an acras. Ach bha i air a dòigh nuair a chunnaic
i Bob.
|
|