|
 |
 |
 |
An
Leumadair Laghach
Air là brèagha
samhraidh‚ rinn duine beag, caol, le feusag ghlas trì dealbhan
à lainn air an t-srà id. 'S e eala‚ macao agus leumadair
a bha annta. Bha mi aÂ’ coimhead gu dian air dealbh an leumadair. Shaoil
leam gun robh e beò agus‚ nam inntinn‚ lean mi e a-mach
dhan mhuir. Bha mi aoibhneach.
Shnà mh sinn gu siùbhlach agus leum sinn an-à irde a-mach
às a' mhuir. Bha sinn a’ lùbadh agus a' daibheadh sìos
gu domhainn. Shnà mh sinn air feadh an t-saoghail. Bha solas na grèine
a' deà lradh oirnn aig amannan. Chunnaic sinn ochd-chasach am measg
nan creagan air grunnd na mara. Chunnaic sinn sgeirean là n dhathan
agus èisg. Chaidh muc-mhara mhòr, fhada seachad oirnn gu sà mhach‚
coltach ri sgòth dhorcha san adhar.
An uairsin‚ faisg air na tropaigean far a bheil an cuan blà th‚
rà inig sinn à ite iongantach. Bha an cuan cho soilleir ris
an là . Chitheadh tu fada romhad‚ agus chunnaic sinn duine a'
tuiteam dhan mhuir. Thilg spùinneadairean borb, gun truas, e thairis
air cliathaich an t-soithich!
Chunnaic sinne an truaghan a' tuiteam sìos dhan ghrunnd agus a' feuchainn
ri dìreadh suas gu uachdar na mara. Cha b' urrainn dha sin a dhèanamh‚
ach chaidh sinne sìos ga chuideachadh. Air aon taobh dheth‚
bha an leumadair ga phutadh suas le shròin. Bha mise a' snà mh
air an taobh eile dheth‚ agus chuir mi mo ghualainn fodha. Thog sinn
e gu socair chun an uachdair.
Chunnaic sinn bà t'-iasgaich a' dol seachad. Shnà mh sinn a-null‚
a' putadh an duine romhainn. Nuair a rà inig sinn am bà ta,
chunnaic na h-iasgairean sinn agus thog iad air bòrd e. Thill sinne
air ais dhan bhaile seo fhèin. Chrath an leumadair earball rium agus
chaidh e air ais dhan dealbh. Phut am fear a rinn an dealbh mi‚ agus,
gu h-obann, bha mi air ais air an t-srà id.
|
|