|
 |
 |
 |
Uamh
nan Reubairean
Aon là grianach
bha triùir ghillean a' cluich gu dòigheil air trà igh
bhrèagha gheal. Bha iad a' cluich ball-coise. Anns na creagan rin
taobh bha uamh mhòr dhubh - Uamh nan Reubairean.
"Tadhal do dh'Alba a' tighinn!" dh'èigh Pòl. Thug
e breab chruaidh don bhall. Ach an à ite a dhol seachad air Dòmhnall,
a bhrà thair beag, chaidh am ball às an t-sealladh a-steach
air beul Uamh nan Reubairean. "Tiugainn. Feumaidh sinn a dhol air a
thòir." thuirt Crìsdean.
Bha i dorcha agus tais anns an uaimh. Mu dheireadh dh'fhàs na sùilean
aca eòlach air an dorchadas. "Cha toigh leamsa seo idir,"
thuirt Dòmhnall Beag ."Tha an t-eagal orm". Bha tòrr
smodail anns an uaimh. Smodal a bhiodh an là n a' fà gail as
a dhèidh.
"'S dòcha gun do dh'fhà g na reubairean ulaidh anns an
uaimh!", thuirt Pòl. "Ma gheibh sinne e, bidh sinn beairteach,"
thuirt Crìsdean. "Tha mise ag iarraidh dhachaigh" thuirt
Dòmhnall Beag.
Thòisich iad ri rùrach am measg an smodail. Lorg iad botail
phlastaig agus pìosan maide agus pìosan lìn-iasgaich,
crogain mheirgeach agus seann bhrògan. Ach cha d' fhuair iad cà il
prìseil. Bha na gillean mòra coma. Bha seo na b' fheà rr
na ball-coise. "Seall," dh'èigh Pòl, 's e a’
smèideadh le bioran maide a bha caran coltach ri claidheamh. "'S
e reubaire a th' annamsa! Sìn dhomh an t-airgead air neo caillidh
tu do bheatha." Agus thòisich an t-sabaid eadar e fhèin
agus Pòl.
Ach, o mo chreach! Cha robh cuimhne aca air an uair. Bha an là n a'
tighinn a-steach agus a’ sìor èirigh. "Tha mo chasan
fliuch." thuirt Dòmhnall Beag le iomagain mhòir air.
"Um, tha, agus mo chasan-sa." thuirt Pòl. "Seall!
Tha an t-uisge a' tighinn a-staigh dhan uaimh. Tha an là n ag èirigh!
" Ruith iad gu beul na h-uamha ach bha iad glacte. Chan fhaigheadh
iad a-mach.
Dhìochuimhnich Pòl agus Crìsdean mu bhith nan reubairean.
Bha an uamh a-nis dorcha agus fliuch agus oillteil. Dè am fuaim a
bha siud? Dè bh’ ann? An e radain a bh' ann? No reubairean air
tilleadh? Bha an t-eagal mòr orra a-nis. Agus bha an t-uisge a' fà s
domhainn.
Air ais aig a’ bhaile bha na pà rantan a' gabhail fadachd nach
robh na gillean a' tilleadh. Mu dheireadh chaidh muinntir a' bhaile a choimhead
air an son. Bha iad air a' mhachaire faisg air an uaimh.
Anns an uaimh bha an t-uisge a-nis suas gu glùinean Dhòmhnaill
agus a’ sìor èirigh. "Dè nì sinn?
An snà mh sinn a-mach?" dh'fhaighnich Crìsdean.
"Chan urrainn dhomhsa snà mh," thuirt Pòl. "Thalla
sibhse. Fuirichidh mise an seo."
"Chan fhalbh," thuirt Crìsdean , "Chan fhà g
sinn idir thu." Thòisich Dòmhnall Beag a’ rà naich.
Bha cù chaorach shuas gu h-à ird air a’ bhearradh os cionn
na h-uamha. Dh'aithnich e an guth aig Dòmhnall. Thòisich an
cù ri comhartaich agus thà inig na daoine nan ruith. Chuala
iad Dòmhnall Beag a’ rà naich. Thuig iad cà ite
an robh na gillean. Chaidh iad nan cabhaig agus chuir iad a-mach eathar.
Agus nuair a shà bhail iad na gillean, mura biodh gun robh Dòmhnall
Beag na shuidhe air gualainn Phòil bhiodh e cha mhòr fodha.
|
|