
 |
 | 
Sgrìobhte le Niall Scott, Tidsear Prìomh
7, Bunsgoil Hills Trust Glaschu
¸é´Ç-°ùà »å³ó
Fà ilte gu Ionad Coimhearsnachd Inbhir Chlà ir! 'S e deagh
dhòigh air a' chuspair cho-fhillte, deamocrasaidh, a thoirt a-steach a
th' anns an là raich seo. Faodar a cleachdadh mar cheum gu leasanan mu Pà rlamaid
na h-Alba agus gu eisimpleirean eile de dheamocrasaidh.
Chaidh, Saoranachd
- A' Cleachdadh Deamocrasaidh a dhealbh gus cuideachadh le teagasg ìrean
C is D, Eòlas Àrainneachd, Comann-sòisealta, Saidheans is
Teicneòlas le fòcas sònraichte air Eòlas is Tuigse
- Daoine anns A' chomann-shòisealta. Faicibh duilleagan 35-37 de Stiùireadh
Nà iseanta Eòlas Àrainneachd airson tuilleadh fiosrachaidh:
Tha dà phrìomh earrann air an là raich
seo:
a' tighinn gu co-dhùnadh cothromach
a' bhòtadh.
Tha e cudthromach gun tèid innse dhan chloinn
nuair a tha iad a' rannsachadh nan earrann eadar-dhealaichte is charactaran gum
feum iad a h-uile cà il a leughadh. Cuidichidh cà raideachadh is a
bhith ag iarraidh orra òraidean caractaran eadar-dhealaichte a leughadh
len tuigse. Cuidichidh co-leughadh leughadairean nach eil cho èasgaidh.
Choilean an clas P7(B6) agam na h-eacarsaichean air an là raich seo
gu soirbheachail.
Ro-phlana
Tha an là rach
seo ag amas air ìrean C is D. Faodaidh atharrachadh a bhith anns na leasanan-taice
a rèir dè cho domhainn 's a tha an tidsear airson a dhol. Uaireannan
bha an clas P7 agam a' dol thairis gu ìrean E is F agus, mar a shaoileadh,
gu earrainnean eile den churraicealam.
Eòlas is Tuigse
- Daoine ann an Comann-sòisealta| ³Ò²Ôì´Ç³¾³ó²¹²Ô | Daoine
is feumalachdan ann an ³¦´Ç³¾²¹²Ô²Ô-²õò¾±²õ±ð²¹±ô³Ù²¹
| Riaghailtean,
còirichean is dleastanasan ann an ³¦´Ç³¾²¹²Ô²Ô-²õò¾±²õ±ð²¹±ô³Ù²¹
| Strì
agus co-dhùnadh ann an ³¦´Ç³¾²¹²Ô²Ô-²õò¾±²õ±ð²¹±ô³Ù²¹
| | Ìý | 1 | 2 | 3 | 4 | 1 | 2 | 3 | 1 | 2 | 3 | 4 | Duais gnìomh airgid
|  | Ìý |  |  | Ìý |  |  |  |  |  | Ìý | | A' taghadh ceannard |  |  |  | Ìý |  |  |  |  |  |  |  | | Comhairle sgoile (gnìomh a dh'fhaodar
dèanamh) |  |  |  | Ìý |  |  |  |  |  |  |  | | A' cur fios gu BP mu chùis ionadail
(gnìomh a dh'fhaodar dèanamh) |  |  |  |  | Ìý |  |  |  |  |  | Ìý | | A' tadhal air Pà rlamaid na h-Alba
(gnìomh a dh'fhaodar dèanamh) | Ìý | Ìý | Ìý |  | Ìý | Ìý |  |  |  |  | Ìý |
Iall Daoine is feumalachdan ann an ³¦´Ç³¾²¹²Ô²Ô-²õò¾±²õ±ð²¹±ô³Ù²¹
A' faighinn tuigse air feumalachdan pearsanta is
sòisealta agus an ceangal ri cùisean eaconomach.
Ìre C 1. Innis an diofar eadar feumalachdan is dìth.
2. Mol dòighean anns a bheil daoine fa leth, teaghlaichean is coimhearsnachdan
a' cuideachadh le bhith a' coinneachadh feumalachdan is ri cuideachadh chà ich
m.e. buidhnean cùram slà inte, teaghlaichean leudaichte, etc.
Ìre D 3. Mìnich mar a tha feumalachdan eadar-dhealaichte
aig buidhnean is cultaran eadar-dhealaichte m.e. seann daoine, daoine gun obair.
4. Thoir cunntas sìmplidh air mar a tha cuid de sheirbheisean poblach air
am maoineachadh, m.e. amar-snà imh, cruinneachadh sgudal.
Iall Riaghailtean, còirichean is dleastanasan ann an ³¦´Ç³¾²¹²Ô²Ô-²õò¾±²õ±ð²¹±ô³Ù²¹
A' faighinn tuigse air còirichean is dleastanasan
dhaoine fa leth is bhuidhnean ann an ³¦´Ç³¾²¹²Ô²Ô-²õò¾±²õ±ð²¹±ô³Ù²¹ dheamocraiteach.
ÃŒre C 1. Thoir cunntas air riaghailtean eadar-dhealaichte
an co-cheangal ri suidheachaidhean eadar-dhealaichte, m.e. riaghailtean foirmeil/neo-fhoirmeil
airson sà bhailteachd phearsanta, etc. 2. Mol dòighean anns
am faod iad cur ri cùram chà ich is meas a bhith aca dhe na faireachdainnean/beachdan.
Ìre D 3. Mol cuid de na còirichean is dleastanasan
a th' aig saoranach ann an deamocrasaidh.
Iall Strì
is co-dhùnadh ann an ³¦´Ç³¾²¹²Ô²Ô-²õò¾±²õ±ð²¹±ô³Ù²¹
A'
faighinn tuigse air strì is air dòighean co-dhùnaidhean,
a' gabhail a-steach buaidh nam meadhanan.
ÃŒre C
1. Thoir cunntas air na dòighean anns am faod daoine pà irt a ghabhail
ann a bhith a' tighinn gu co-dhùnadh ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte
- sa sgoil, ann an obair, sa choimhearsnachd. 2. Sònraich prìomh
thaobhan taghaidh aig ìrean ionadail is nà iseanta, m.e. luchd-bhòtaidh,
iomairt, tagraichean, bogsa-baileit, etc. ÃŒre D 3. Thoir cunntas
sìmplidh air mar a tha riochdairean air an taghadh is air an seòrsa
obrach a tha iad a' dèanamh, m.e. comhairlichean ionadail, buill pà rlamaidean
na h-Alba, Bhreatainn agus Eòrpach. 4. Thoir cunntas air na dòighean
anns am faod na meadhanan buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean pearsanta.
Na th' air an là raich
Earrann1
Rè gnìomh "duais airgid" bidh a' chlann a' gabhail
pà irt ceannaird an ionaid coimhearsnachd agus feumaidh iad a thighinn gu
co-dhùnadh mu cò a gheibh an sochair. Tha ceistean a' charactair
seo anns na builgeanan còmhraidh glasa. Dh'fhaodadh aon sgoilear seo a
leughadh fhad 's a bhios an sgoilear eile a' leughadh facail riochdaire a' chluba.
Tha na co-dhùnaidhean doirbh a dh'aona ghnothaich. An dèidh dhan
chloinn riochdairean a' chluba gu lèir a choinneachadh faodaidh iad tilleadh
don chlas is deasbad a dhèanamh mu cà it am bu chòir dhan
airgead a dhol air neo dh'fhaodadh iarraidh orra an co-dhùnaidhean a ruighinn
is tilleadh dhan chlas a dh'innse toradh an co-dhùnaidh. Faicibh là rach-lìn
Pà rlamaid na h-Alba airson notaichean air mar bu chòir deasbad a
chumail - tha na stuthan clò-bhuailte air an là raich sònraichte
feumail cuideachd .
Mar a thadhalas iad air gach riochdaire tha notaichean ann dhaibh ris am
faod iad sealltainn nuair a tha iad a' tighinn gu co-dhùnadh. Nuair a thig
iad mu dheireadh gu co-dhùnadh faodaidh iad beachdan buntainneach nan clubaichean
a leughadh. Bidh cuid de na beachdan sin dearbhach is cuid à icheach.
Earrann
2
Tha seo mu bhith a' taghadh ceannard airson Club a chiùil
Roc, Rap agus Sgraids. Tha triùir thagraichean ann agus, gus faighinn fiosrachadh
mun deidhinn, feumaidh a' chlann bruthadh orra. Nuair a nì iad seo nochdaidh
trì bogsaichean ri taobh a' charactair; 's e dealbhan beò a th'
ann an aon dhiubh a' sealltainn rudeigin buntainneach mun charactar; 's e Cunntas-beatha
a th' ann an aon dhiubh (feumar innse do cuid den chloinn dè a th' ann
an cunntas-beatha) agus 's i òraid bheag a th' anns an treas bogsa far
a bheil an tagraiche ag innse na nì e gus an club a dhèanamh nas
fheà rr. 'S e "Manifesto", a dh'fhaodas a bhith air fhoillseachadh
nuair a tha leasanan a' chlas a' dèiligeadh ri taghaidhean Pà rlamaideach,
a th' anns an ath dhà bhogsa. Dh'fhaodadh an earrann seo deasbad adhbhrachadh
sa chlas air neo dh'fhaodadh a' chlann aithris don chlas le co-dhùnaidhean
dèante. Nuair a tha iad air ceannard a thaghadh faodadh iad sealltainn
ri "buileachadh" beag a tha a' comharrachadh nithean matha is dona mun
cho-dhùnadh aca.
Ann an Earrainn 1 is Earrainn 2 tha notaichean
sam bith a dh'fheumar airson a thighinn gu co-dhùnadh anns an leabhar-aithris.
Gheibhear thuca sin dìreach bhon phrìomh dhuilleig le bruthadh air
uinneig na h-"oifis" air neo tha iad ri faotainn taobh a-staigh gach
gnìomha. Gabhaidh iad an clò-bhualadh is an cleachdadh sa chlas.
A thuilleadh air an dà phrìomh ghnìomh
tha trì bheag-earrannan eile ann:

µþò°ù»å-²ú°ù²¹³Ù³ó far am faod clann notaichean a phostadh mu gnìomhan saoranachd
sam bith a chuir iad air dòigh no anns an do ghabh iad pà irt. Dh'fhaodar
seo a chleachdadh airson toraidhean conaltraidh ri BPA, BP etc (faicibh gu h-ìosal)
fhoillseachadh. 'S e roinn fìor-mhath a th' ann airson foillseachadh mar
a rinn an clas diofar san sgoil no a-muigh sa choimhearsnachd! Tha e cudthromach,
ann a bhith a' teagasg Saoranachd, sealltainn gu bheil iad nam pà irt de
choimhearsnachd nas fharsainge agus gu bheil na beachdan aca a' faighinn èisteachd
is gan gnìomhachadh.
Cuimhnichibh nach eil am bòrd-brath
a' cleachdadh post-dealain is nach eilear ag iarraidh ainmean is seòlaidhean
mionaideach. A thuilleadh air sin thathas a' leughadh nam beachdan a thig a-steach,
gan deasachadh ma dh'fheumar is mu dheireadh gam postadh air an là raich
leis a' BhBC.
Ceanglaichean gu là raich saoranachd iomchaidh eile. Tha cuid dhiubh leis
a' BhBC, cuid nach eil.

Tha an earrann mu dheireadh ag iarraidh air a' chloinn deasbad is bhòtadh
a dhèanamh air cuspair. Nuair a tha iad air co-dhùnadh a ruighinn
faodaidh iad am beachdan a chur a-steach gun bhòrd-brath. Tha an cuspair
ag atharrachadh gu tric is chithear e a' cur char air bratach a' phlèana
air an duilleig-dachaigh.
³Ò²Ôì´Ç³¾³ó²¹²Ô a bharrachd
Seachdain Comhairle na Sgoile
1. Tha balach is nighean
bho gach clas mar as tric air Comhairlean Sgoile, a' dèanamh an-à irde
"Buidheann Gnìomhachais" a dh'fhaodas coinneachadh gach seachdain,
cola-deug no mìos.
Dh'fhaodadh ullachadh airson taghaidhean
seachdain a thoirt - 's e deagh "ro-ghnìomh" a th' ann aig toiseach
bliadhna sgoile.
Bu chòir bhòtadh airson buill clasa
a bhith a rèir Taghadh Albannach, m.e. bu chòir do thagraichean
iomairtean a chur air bhog le cuideachadh bho luchd-taice taghte (an fheadhainn
sa chlas nach robh airson seasamh mar thagraichean). Rè nan iomairtean
faodaidh na tagraichean postairean is ròsan-broillich a dhèanamh.
Faodar manifesto a dhèanamh - faodaidh iad sin a bhith cho
sìmplidh is cho iom-fhillte 's a thogras an tidsear. Tha pà rtaidhean
poileataigeach Riaghaltas na h-Alba gu lèir deònach eisimpleirean
de an manifestos a chur a-mach - tha dreachan sìmplidh cloinne aig cuid
dhiubh.
Faodar sgrìobhadh ìmpidheach a thoirt a-steach
rè a' phà irt seo dhen iomairt, gus cuideachadh le òraidean
is manifestos.
Faodar "Hustings" clasa a chumail air an
latha ron taghadh, far an lìbhrig gach tagraiche òraid is dh'fhaodadh
ceist (dhearbhte) a bhith aig gach ball sa chlas airson a chur orra.
Bu chòir na taghaidhean fhèin a dhèanamh cho fìor
's a ghabhas. Bu chòir bileag bhòtaidh stampte a thoirt dhan luchd-bhòtaidh
le ainmean nan tagraichean (bhon chlas aca fhèin) Bu chòir innse
carson a tha na bileagan-bhòtaidh stampte (m.e. airson tèarantainteachd)
agus bu chòir bothag-bhòtaidh a bhith aca airson na bhòt
dhìomhair aca. Nuair a tha an t-oifigear-bhòtaidh a' gairm nam buannaichean
bu chòir an à ireamh bhòtaichean an urra a chumail dìomhair
gus nach tèid feadhainn a ghoirteachadh.
2. Mur eil
comhairle anns an sgoil dh'fhaodar na h-aon dhòighean a chleachdadh gus
comataidh clasa a stèidheachadh. Dh'fhaodadh fiosrachadh a thoirt don chomataidh
seo mu bhith a' dèanamh a' chlas rum na à ite nas fheà rr is
dh'fhaodadh iad an leabharlann a chur air dòigh, cuairtean a stèidheachadh
airson gnìomhan-clasa is teachdaireachdan gun Cheann-sgoile, le molaidhean
airson na sgoile, a chur air dòigh.
3. 'S e gnìomh
glè fheumail a th' ann cùis mun sgoil a thogail le ball de Phà rlamaid
na h-Alba. Faodaidh a' chlann bhòtadh air cò am BPA ris a bheil
iad airson dèiligeadh is faodadh iad sgrìobhadh no post-dealain
a chur thuca le na h-uallaichean a th' orra. Dh'fhaodadh uallaichean gabhail a-steach,
ceà rnaidhean-cluiche, dìth amair-snà imh, sà bhailteachd
rathaidean, gannrachadh chon, sgudal, biadh-sgoile. Aon uair 's gu bheil iad air
sgrìobhadh gun BPA dh'fhaodadh iad coimhead ciamar a ghabhadh cuairt chun
Phà rlamaid a chur air dòigh. Aon uair 's gun tèid fios a
chur thuca faodaidh BPA tursan clasa a chur air dòigh is tha cuid dhiubh
deònach a' chlann a thoirt timcheall. Bidh iad cuideachd a' cur goireasan
air dòigh airson lòin-pacte agus cuiridh a' mhòr-chuid seiseanan
cheistean/freagairtean air chois. (faodadh clann ceistean a chur orra mu an uallaichean
sònraichte aca fhèin agus/no uallaichean mun sgìre aca fhèin
air neo dh'fhaodadh iad dìreach faighneachd mu bheatha thrang BPA!)
Cuimhnichibh-tha an Seòmar Deasbaid dùinte dhan t-sluagh
aig amannan sònraichte. Rannsaichibh ro là imh mu cuin a tha e fosgailte.
Gheibhear mòran fiosrachaidh mu phlanadh thursan air:
4. Faodaidh clann taisbeanadh balla a dhèanamh cuideachd a'
sealltainn nan diofar riochdairean a tha san sgìre aca, m.e. BPA, MP, Comhairlichean
is Comhairlichean Sgoile. Faodaidh iad leughadh mun deidhinn uile. Faodar geà rr-chunntasan
air manifesto nan riochdairean-clasa a chur còmhla ri na dealbhan dhiubh.
Faodaidh iad cuideachd deasbadan anns an robh am BP/BPA an sàs a lorg le
sealltainn ri là raich-lìn na Pà rlamaid. Seallaibh ri:
airson liosta BPA
airson liosta BP
airson liosta BPA
airson liosta de chomhairlean ionadail is an là raich-lìn.
Mar a gheibhear an fheum as fheà rr às an là raich
seo
Gabhaidh fuaim na là raich seo air fad a chur air is dheth
le bruthadh air ìomhaigh air/dheth.
Feumaidh tu Flash
player ùr airson eileamaidean eadar-ghnìomhail is beòthail
na là raich seo fhaicinn. Tha am bathar-bog seo air a' mhòr-chuid
de choimpiutairean ùra. Ach ma tha thu ag obair air seann choimpitair dh'fhaodadh
gum feumadh tu do Flash player ùrachadh. Gabhaidh seo a dhèanamh
gu sìmplidh, gu sà bhailte is saor 's an-asgaidh bhon cheangal seo:
Mur faigh thu air Flash player ùr a thoirt a-nuas na gabh dragh.
Tha an dreach HTML den là raich seo a' còmhdach an ionnsachaidh gu
lèir. Ann a bhith a' cleachdadh an dreach HTML tha thu a' call nam beothantachdan,
nam fuaimean agus nan eileamaidean eadar-ghnìomhail eile ach gheibh a'
chlann fèin-fhiosrachadh beartach, duaiseil tro "Saoranachd - A' cleachdadh
Deamocrasaidh".
Airson tuilleadh fiosrachaidh
mu toirt a-nuas is mu roinnean-lìn co-cheangailte eile rachaibh gu :
Ìý
Chan eil uallach air
a' BhBC airson na tha air là raich-lìn eile. |  |  |
|