Prestonpans, 1745. Tha na h-airm deiseil airson a’ bhlà ir!
Ma chailleas tu am blà r seo bidh an t-Ar-a-mach seachad! Dè nì thu?
Am Morair Seòras Moireach, Seanalair Arm nan Seumasach
Seo deagh à ite airson ionnsaigh. Tha an talamh freagarrach do na saighdearan againn agus faodaidh iad dol sìos air an nà mhaid. Ma bhuannaicheas sinn am blà r seo gheibh sinn smachd air Alba gu lèir! FEUMAIDH sinn am blà r seo a shabaid!
Iain O’Sullivan, Oifigear ann an Arm nan Seumasach
Cha toil leam an t-à ite seo – tha an talamh ro chòmhnard agus ro fhosgailte. Thèid na saighdearan againn a reubadh as a chèile le peilearan an nà mhaid anns an dol sìos. Chan urrainn dhuinn blà r a chall. Ma chailleas sinn bidh a h-uile cà il seachad! Dèanamaid ratreut agus cuiridh sinn cath air latha eile!
Seumas Dòmhnallach, Saighdear Seumasach
Tha eagal mo bheatha orm. Tha mi glè dheònach sin aideachadh. Cha robh mi a-riamh ann an cath roimhe agus chan eil mi ag iarraidh bà sachadh. Chan eil mi fiù cinnteach carson a tha sinn a’ sabaid agus tha mi fada bhon taigh. Nì mi mar a thèid iarraidh orm. Bidh mi a’ sabaid. Bidh mi a’ sabaid airson mo chinnidh agus mo Phrionnsa. Cha thrèig mi iad. Bidh mi fearail.
Litir bho Shaighdear ann an Arm Bhreatainn
A Mhà ili a ghrà idh, tha cùisean gu math dona an seo. Tha na Seumasaich air arm a thogail agus tha dùil gun coinnich sinn riutha a-mà ireach air taobh muigh Dhùn Èideann. Chan eil an t-arm againne ach beag agus tha a’ mhòr-chuid aca air an leòn agus sgìth. Chan eil dealas aig duine againn dha. Tha mi an dòchas gu faic mi thu a-rithist anns a’ bheatha seo. O mar a tha mi gad ionndrainn! Le gaol, Calum.