ÂéśšÉç

Explore the ÂéśšÉç
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DILUAIN
19 Faoilteach 2015
Accessibility help
Teacsa a-mhĂ in
Na Seumasaich.  Ar-a-mach 1745.

ÂéśšÉç Homepage
Scotland Home
Alba
Foghlam
Âť

Na Seumasaich

Flash
HTML
Leabhar Fiosrachaidh
Tidsearan

Ěý

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Ěý

Fiosrachadh mun LĂ raich-lĂŹn

Tha an l àrach-lÏn seo ag amas air luchd-ionnsachaidh a bhrosnachadh gus fiosrachadh air eachdraidh a sgrÚdadh agus breithneachadh dè na co-dhÚnaidhean a b' fheàrr ann an suidheachaidhean àraidh. Dh'fhaodhadh an làrach seo a bhith cuideachail do dhaoine òga anns a' bhun-sgoil agus anns an àrd sgoil a rèir an fhiosrachaidh tha dhÏth orra no na sgilean a thathar a' leudachadh.

Tha an làrach a' dèiligeadh ri Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745 bhon a thòisich e gus an deach a chur sÏos aig Blàr ChÚil Lodair agus a' bhuaidh a bh'aige air muinntir na Gàidhealtachd.

Tha seo air a dhèanamh tro thrÏ Achdan sònraichte. Bidh cothrom ann èisteachd ri na bha aig daoine a bha cudromach aig an àm ri ràdh agus cothrom litrichean a chaidh a sgrÏobhadh aig an àm a leughadh. An lÚib gach Achd tha dà chaibideil.

•Ěý Achd 1- Toiseach Bliadhna TheĂ rlaich
Caibideil 1: An Fhraing
Caibideil 2: Prestonpans

•Ěý Achd 2- Ionnsaigh air Sasainn
Caibideil 1: DÚn Èideann
Caibideil 2: Derby

•Ěý Achd 3- An Teicheadh GĂ idhealach
Caibideil 1: CĂšil Lodair (an oidhche ron BhlĂ r)
Caibideil 2: CĂšil Lodair (latha a' BhlĂ ir)

A bharrachd air na caibideilean seo, tha bhideothan ann agus caibideil air Alba, an dèidh Blàr CÚil Lodair.

Tha an làrach-lÏn a' cur an sgoileir an àite ceannard Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Faodaidh an sgoilear sealltainn ris an fhiosrachadh air an sgrion a tha a' tighinn am follais tro charactaran agus tro litrichean a chaidh a sgrÏobhadh agus faodaidh iad co-dhÚnaidhean a dhèanamh a bheir buaidh air dè thachras san Ar-a-mach aca.

Gheibhear cothrom fianais a thogail bho charactaran sònraichte aig an àm agus daoine a thug comhairle don Phrionnsa Teàrlach. Bhon fhiosrachadh seo feumar tighinn gu co-dhÚnadh mun dòigh air adhart. Seo cothrom eòlas air eachdraidh a bhrosnachadh le bhith cleachdadh nan sgilean a dh'fheumar airson ceist fhuasgladh.

Tha leabhar-fiosrachaidh air an sgrion ann an dreach chairtean- cluiche. Bheir seo taic agus fiosrachadh mu dhaoine cudromach aig an Ă m, mu Bhreatainn anns na 1700an a bharrachd air cĂšl-fhiosrachadh air Ar-a-mach nan Seumasach agus loidhne tĂŹm.

Tha cothrom ann fèin-mheasadh a dhèanamh air adhartas sam bith aig deireadh gach Achd.

Is ann le Flash 8 plug-in as fheĂ rr a chithear an lĂ rach ach chithear cuideachd e le Flash 7.

Faodar am Flash plug-in as Ăšire luchdachadh a-nuas bhon cheangal a leanas: -

Tha tionndadh sĂŹmplidh HTML den lĂ raich ann cuideachd airson choimpiutairean nas aosta aig nach eil Flash agus do dhaoine a tha a' cleachdadh bathar-bog sgrĂŹon- leughaidh (screen-reading software).

Cruth na LĂ raich

Tha trì achdan innte agus dà chaibideil anns gach achd. Tha earrann dheireannach ann cuideachd a tha a' sealltainn ri dè thachair as dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Tha seachd earrannan ann uile gu lèir – gach tè a' buntainn ri tachartas no àm cudromach anns an Ar-a-mach fhèin. Faodaidh sgoilearan co-dhùnadh gun dèan iad mar a rinn na Seumasaich aig an àm no faodaidh iad roghainnean eile a ghabhail. Is iad na seachd earrannan: -

Achd 1

Caibideil 1: Toiseach an Ar-a-mach. Tha na sgoilearan a' co-dhÚnadh an dÚraig iad ar-a-mach a thòiseachadh sa Ghàidhealtachd gun taic sam bith bhon Fhraing.

Caibideil 2: Prestonpans . Tha na sgoilearan a' co-dhĂšnadh an cuir iad blĂ r ri feachdan an Riaghaltais no am fuirich iad gun tig cuideachadh bhon Fhraing.

Achd 2

Caibideil 1: Ionnsaigh air Sasainn. Tha na sgoilearan a' co-dhÚnadh an dèan iad an ionnsaigh chunnartach air Sasainn no am fuirich iad airson Alba a dhÏon.

Caibideil 2: Derby . Tha na sgoilearan a' co-dhĂšnadh an cĂšm iad orra a Lunnainn no an till iad a dh'Alba.

Achd 3

Caibideil 1: Màrsail na h-oidhche a dh'Inbhir Narann. Tha na sgoilearan a' co-dhÚnadh an tèid iad air a' mhàrsail chonnspaideach tron oidhche no am fuirich iad airson a' bhlàir an ath latha.

Caibideil 2: Blàr ChÚil Lodair. Tha na sgoilearan a' co-dhÚnadh an dèan iad sabaid aig CÚil Lodair no an dèan iad ratreut agus sabaid am badeigin eile.

As dèidh a' Bhlàir

Tha grunn charactaran anns an earrainn seo a tha ag innse dè thachair do na Gàidheil as dèidh Blàr ChÚil Lodair.

Leabhar Fiosrachaidh

A thuilleadh air na prĂŹomh earrainnean seo tha earrann a bharrachd ann air a bheil an Leabhar Fiosrachaidh. Tha beagan fiosrachaidh an seo mu phrĂŹomh phearsachan an Ar-a-mach, na cĂšisean a dh'adhbhraich e agus fiosrachadh mu dheidhinn Bhreatainn aig an Ă m.

Aithisg Chlò-bhuailte

Aig deireadh gach Achd 's urrainn don sgoilear a dhol gu duilleag far am faod e/i aithisg a sgrĂŹobhadh (ann an riochd litir dhachaigh) mu dheidhinn na dh'ionnsaich iad agus na thug iad gu buil anns an iomairt aca mar cheannard nan Seumasach!

Faodar seo a ghleidheadh fhad 's a tha iad air an làraich no faodar a chlò-bhualadh ann an riochd a tha freagarrach do chlò-bhualadair.

Tar-churraicealam

Eòlas Àrainneachd: Daoine o Chionn Fhada

Strand

Ìre C

Ìre D

Daoine, tachartasan agus comainn shòisealta cudromach anns na làithean o shean

•

Ěý

Atharrachadh agus seasmhachd, adhbhar agus buil

•

Ěý

Ruith tĂŹm is eachdraidh

Ěý

Ěý

Gnè fianais eachdraidheil

•

•

Eòlas Sòisealta: Sgilean Ceasnachaidh

Sreath

Ìre C

Ìre D

Dèanamh deiseil airson gnÏomh

•

•

Coileanadh dreuchd

•

•

Ath-bhreithneachadh agus aithris air dreuchd

•

Ěý

Buidheachas

Lucy Conan: Àrd Riochdaire

Pòl Adams: Riochdaire

Jo NicDhòmhnaill : Àrd Riochdaire Gàidhlig

Eilidh NicLachlainn: Riochdaire GĂ idhlig

Scott MacColla: Dealbhair

Anthony McKale: Coder/Prògramair Actionscript

Ray MacAnndrais: Coder HTML

Anndra Meikle: Neach-cuideachaidh LĂŹn

Iain Rose: Comhairliche Eachdraidh is Foghlaim

Joan NicDhòmhnaill: Teacsa Gàidhlig

Rachel Budge: Dealbhan

Chaidh an lĂ rach seo a co-mhaoineachadh le Seirbheis nam Meadhanan GĂ idhlig.

Seirbhis Nam Meadhanan Gaidhlig

Ceanglaichean

Is dòcha gum bi na ceanglaichean seo feumail do dhaoine ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh no stòrasan mun àm.

Sgrìobhainnean eachdraidheil Albannach ann an riochd didseatach , nam measg The Lyon in Mourning – cunntasan air dè thachair as dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745:

Eachdraidh mhionaideach air cÚis nan Seumasach, bho thoiseach ghnothaichean ann am freumhan na Rèabhlaid Ghlòrmhoir gus a' chrÏoch eagalach aig CÚil Lodair:
http://www.bbc.co.uk/history/british/civil_war_revolution/scotland_jacobites_01.shtml

Stòras fiosrachaidh mionaideach far am faighear fios air iomairtean armailteach agus na ghabh pàirt annta:

Cruinneachadh de chunntasan air na thachair ro bhlàr ChÚil Lodair, am blàr fhèin agus às a dhèidh:

Duilleag stòrasan Urras Nàiseanta na h-Alba far am faighear fiosrachadh air na Seumasaich:

Grunn lĂ raich-lĂŹn foghlaim mu Achd an Aonaidh agus Ar-a-mach nan Seumasach bho Ionnsachadh is Teagasg na h-Alba:



About the ÂéśšÉç | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy
Ěý