CĂąil Lodair, 1745. Tha feachdan an riaghaltais air do leantainn suas don GhĂ idhealtachd.
Chan eil ach aon bhlĂ r eile ri shabaid. Ach cuin? Roghnaich thusa!
Am Morair Seòras Moireach, Seanalair Arm nan Seumasach
Chan eil campa an nà mhaid ach 12 mìle air falbh. Thugainn ann AN-DRÀSTA! Ma thig sinn sìos orra san oidhche bidh barrachd cothroim againn. Tha là ithean a-nis bhon a fhuair na saighdearan againn grèim bidhe. Ma dh’fhuiricheas sinn gu a-mà ireach bidh iad fada nas laige. Bu chòir dhuinn mà rsail tron oidhche agus ionnsaigh a thoirt orra!
Iain O’Sullivan, Oifigear ann an Arm nan Seumasach
Tha na saighdearan sgìth agus acrach. Feumaidh iad beagan fois. Ma gheibh iad fois bidh sinn deiseil airson sabaid a-mà ireach. Bhiodh sinn às ar ciall mà rsail dusan mìle tron oidhche. Tha dà rna leth diubh air falbh co-dhiù a’ lorg biadh gus nach bà saich iad leis an acras. Bu chòir dhuinn feitheamh an seo agus sabaid a-mà ireach!
Seumas Dòmhnallach, Saighdear Seumasach
Cha robh mi a-riamh cho fuar no cho acrach nam bheatha! Tha là ithean ann bhon a fhuair mi biadh. Chan eil cuimhne agam cuin a chaidil mi ann an leabaidh mu dheireadh! Tha sinn seachd sgìth dhe seo. Choisich sinn fad na slighe gu Derby agus cha do rinn sinn ach tionndadh agus coiseachd fad na slighe air ais. Thathas a-nis a’ bruidhinn air mà rsail tron oidhche gu Inbhir Narann. Dusan mìle! Tha sinn claoidhte! Chan eil mise ag iarraidh ach biadh agus cadal – agus a dhol dhachaigh!
Litir bho Shaighdear ann an Arm Bhreatainn
A Mhà ili chòir, Tha sinn a’ cur ruaig air na ceannaircich a-nis! ’S e ceannard air leth a th’ anns an t-seanalair ùr againn, Diùc Chumberland. Tha e air dòighean ùra ionnsachadh dhuinn airson sabaid ris na Gà idheil. Tha barrachd misneachd againn uile anns a’ bhlà r na là ithean seo. ’S e co-latha breith an Diùc a th’ ann an-diugh agus thug e dhuinn cà ise, aran, feòil agus branndaidh! Thathas a’ coimhead as ar dèidh glè mhath agus tha sinn deiseil gus sabaid a-mà ireach. Chan urrainn dhuinn fà illigeadh. Chì mi a dh’ aithghearr thu, Calum.