|  |

Leabhar Fiosrachaidh: Breatainn anns na 1700an
Thà inig atharrachadh mòr air Breatainn anns na 1700an. Ann an 1745 b’ e Breatainn aon de na dùthchannan as beartaiche agus as cumhachdaiche san t-saoghal! Ann an 1707 thà inig Alba agus Sasainn còmhla a dhèanamh dùthaich ùr - Breatainn. Agus, a thuilleadh air sin, bha teaghlaichean rìoghail ùra aca – fear Duitseach an toiseach agus an uairsin fear Gearmailteach!
- Bha ìmpireachd anabarrach mòr aig Breatainn agus bha smachd aice air pà irt mhòr de Aimeireaga agus Canada.
- Bha malairt ann an clò, spìosraich, tombaca, biadh agus seudan air Breatainn a dhèanamh beairteach!
- Bha a’ chabhlach a bu mhotha san t-saoghal aig Breatainn agus na longan cogaidh as fheà rr.
- Bha Prìomhaire agus pà rtaidhean poilitigeach aig Breatainn dìreach mar a tha againn an-diugh!
- Dh’atharraich a’ Phà rlamaid na riaghailtean air cò a dh’fhaodadh Breatainn a riaghladh. Chan fhaodadh Caitligich riaghladh. Bha seo a’ ciallachadh nach b’ urrainn do Sheumas VII agus a mhac Seumas Frangan a bhith nan rìghrean. Chaidh na cà irdean a b’ fhaisge aca a chur nan à ite.
- An toiseach thà inig mac peathar Sheumais VII, Uilleam à Orainds, na rìgh agus an uairsin thà inig fear de chà irdean na Banrigh Anna, an Gearmailteach Seòras Hanòbhair, a lìonadh na rìgh-chathair.
Ach bha beatha nan daoine cumanta fhathast glè chruaidh. Mura b’ urrainn dhut obair chan fhaigheadh tu pà igheadh agus cha b’ urrainn dhut ithe! Agus ma bha thu tinn agus nach robh airgead gu leòr agad airson dotair a phà igheadh dh’fhaodadh tu bà sachadh!

|