|  |

Leabhar Fiosrachaidh: Teà rlach Eideard Stiùbhart no "Bonnie Prince Charlie"
Rugadh 1720. Bhà saich 1788.
B’ e Teà rlach Eideard Stiùbhart mac Sheumais Fhrangain Stiùbhairt (an "Old Pretender") agus ogha Sheumais VII na h-Alba (Seumas II Sasainn a bh’ ann cuideachd).
Thòisich Teà rlach Eideard an t-Ar-a-mach Seumasach ann an 1745 a dh’fhaighinn crùn Shasainn agus na h-Alba air ais do athair.
- B’e Seumasaich (no Jacobites sa Bheurla) a bh’ air luchd-leanmhainn a’ Phrionnsa Teà rlaich.
- Tha am facal Jacobite a’ tighinn bhon Laideann airson Seumas – seanar Theà rlaich. ’S e Jacobus a th’ air Seumas ann an Laideann.
- Thogadh am Prionnsa Teà rlach anns an Eadailt agus cha robh e riamh ann an Alba gus an do thòisich an t-Ar-a-mach.
- Cha robh e ach 25 nuair a thòisich e an t-Ar-a-mach!
- B’ e duine tarraingeach, eireachdail a bh’ ann ach bha cuid den bheachd nach robh e eòlach gu leòr agus cuideachd gu robh beachd ro mhath aige air fhèin!
- Nuair a dh’fhà illig an t-Ar-a-mach chaidh e air ais a dh’fhuireach san Eadailt.
- B’ e deireadh brònach a bh’ air a là ithean agus bha e ag òl fada cus deoch laidir. Bhà saich e san Ròimh aig aois 68.

|