Leabhar Fiosrachaidh: Seumas Frangan Stiùbhart no an "Old Pretender"
Rugadh 1688. Bhà saich 1766.
B’ e mac Seumas VII na h-Alba (Seumas II Shasainn) a bh’ ann an Seumas Frangan. Anns a’ Bheurla fhuair Seumas Frangan am far-ainm "Old Pretender" airson gur e tagraiche a bh’ ann airson crùintean Shasainn agus na h-Alba. Bha cuid den bheachd nach robh còir aige a rà dh gur esan fìor rìgh Shasainn agus na h-Alba.
Thug Pà rlamaid Shasainn air athair, Seumas II, an dùthaich fhà gail ann an 1688.
Thà inig Prionnsa Duitseach, Uilleam à Orainds, na Rìgh air Sasainn agus na h-Alba.
Dh’ fheuch Seumas Frangan an crùn fhaighinn air ais do athair ann an 1715 ach dh’fhà illig an t-Ar-a-mach aige.
Bha cuid an aghaidh nan Stiùbhartach airson gu robh eagal orra gun atharraicheadh iad creideamh na dùthcha. Bha creideamh uabhasach cudromach aig an à m ud.
Bha na Stiùbhartaich a’ creidsinn gu robh còir aca bho Dhia a bhith nan rìghrean agus nach feumadh iad èisteachd ri duine sam bith.
Bha na daoine a thug taic do Sheumas Frangan den bheachd gum bu chòir dha a bhith na rìgh airson gur e mac Sheumais II a bh’ ann. Cha robh iad idir toilichte gur e nighean Sheumais VII fhèin agus am fear pòsta Duitseach aice, Uilleam, a bha a’ riaghladh na h-Alba agus Sasainn!