B’ e am Prionnsa Uilleam Augustus an t-ainm a bh’ air Diùc Chumberland. B’ esan am mac a b’ òige aig an Rìgh Seòras II agus oighre air crùn Bhreatainn. Chuir e blà r ris a’ Phrionnsa Teà rlach agus na Seumasaich aig Cùil Lodair.
Bhathas a’ meas an Diùc mar seanalair mòr a choisinn iomadh blà r cudromach.
Fhuair e cliù mar ghaisgeach as dèidh Blà r Chùil Lodair airson gu robh mòran dhaoine taingeil gun do shà bhail e an dùthaich bho arm nan Seumasach.
Ach shaoil mòran Ghà idheal nach robh ann ach brùid. Chuir iad a’ choire air airson brùidealachd nan saighdearan aige.
Mharbh saighdearan an Diùc mòran Sheumasach a bha air an leòn agus iomadh duine neochiontach eile nach robh fiù anns a’ bhlà r.
Mharbh a shaighdearan uiread daoine ’s gun d’fhuair an Diùc am far-ainm "Am Bùidsear".
Cha mhòr nach robh Am Prionnsa Teà rlach agus an Diùc an aon aois agus bha iad fiù cà irdeach ri chèile!
Chaidh plannta ainmeachadh as dèidh an Diùc. ’S e Sweet William a bh’ aig a luchd-taic air ach ’s e bh’ aig a nà imhdean air ach Stinking Billy!