Dh’fhàs Flòraidh NicDhòmhnaill ainmeil nuair a chuidich i am Prionnsa Teà rlach faighinn air falbh don Fhraing as dèidh dha blà r Chùil Lodair a chall. Bha saighdearan Diùc Chumberland a’ lorg a’ Phrionnsa air feadh na Gà idhealtachd agus nan Eilean agus ghabh Flòraidh truas ris.
Thogadh i anns an Eilean Sgìtheanach ach bha i a’ fuireach air Beinn nam Faoghla nuair a choinnich i ris a’ Phrionnsa Teà rlach.
Chuir i am Prionnsa Teà rlach ann an aodach boireannaich airson a chuideachadh ri faighinn à s. Bu lugha air a bhith a’ caitheamh dhreasaichean!
Dh’fhaodadh i a bhith air a crochadh airson am Prionnsa a chuideachadh a’ faighinn air falbh don Fhraing.
Chaidh Flòraidh a chur don phrìosan ann an Tùr Lunnainn airson Teà rlach a chuideachadh a’ faighinn air falbh.
Bha daoine a’ smaoineachadh gur e bana-ghaisgeach a bh’ innte airson na rinn i agus bha deagh chliù aice.
Thuirt i gun do chuidich i am Prionnsa airson gu robh feum aige air. Thuirt i gum biodh i air duine sam bith a chuideachadh – fiù Diùc Chumberland!
Choinnich i ri Diùc Chumberland agus bha e glè mheasail oirre!