B’ e duine air leth cudromach ann an Ar-a-mach nan Seumasach a bh’ anns a’ Mhoireach. Bha e aig ceann arm a’ Phrionnsa.
Bha ainm aige mar dheagh cheannard airm agus bhuannaich e iomadh blà r mus do chaill na Seumasaich blà r Chùil Lodair
B’ e duine uabhasach pròiseil a bh’ ann agus cha robh e furasta dèiligeadh ris.
Cha robh am Prionnsa Teà rlach uabhasach dèidheil air a’ Mhoireach ach bha fios aige gu robh feum aige air.
Bha am Moireach air sabaid ann an Ar-a-mach Seumasach roimhe. Ann an 1715 dh’fheuch e ri athair Theà rlaich, Seumas Frangan, a chuideachadh a’ faighinn a’ chrùin air ais. Dh’fhà illig an t-Ar-a-mach sin cuideachd.
Bha pà irt mhòr aig a’ Mhoireach ann an aon de na co-dhùnaidhean as cudromaiche san Ar-a-mach. Thug e air Teà rlach tilleadh a dh’Alba seach ionnsaigh a thoirt air Lunnainn.
Nuair a dh’fhà illig an t-Ar-a-mach, theich am Moireach don Fhraing agus mu dheireadh bhà saich e san Òlaind aig aois 66.