B’ e Èireannach a bh’ ann an Iain O’Sullivan a bha na dheagh charaid aig a’ Phrionnsa Teà rlach. Coltach ris a’ Mhorair Seòras Moireach, b’ e duine glè chudromach ann an arm nan Seumasach a bh’ ann.
B’ e obair O’ Sullivan an t-arm a chur an òrdugh agus dèanamh cinnteach gu robh biadh agus armachd gu leòr aca agus gu robh iad far am bu chòir dhaibh a bhith!
Cha bu toil leis am Moireach agus bha iad an còmhnaidh a’ dol a-mach air a chèile.
Chuir mòran dhaoine a’ choire air O’ Sullivan airson gun do chaill na Seumasaich blà r Chùil Lodair. Ach b’e saighdear le mòran eòlais a bh’ ann agus bha e fìor mhath air obair!
Chuidich O’ Sullivan ann a bhith a’ dèanamh aon de na co-dhùnaidhean as cudromaiche san Ar-a-mach.
Cha robh am Moireach airson gun deidheadh iad a shabaid air mòinteach Dhruim Athasaigh aig Cùil Lodair. Shaoil e gu robh an talamh ro bhog agus ro chòmhnard. Shaoil am Prionnsa Teà rlach gu robh am Moireach ceà rr. Dh’aontaich O’ Sullivan leis a’ Phrionnsa agus chaidh am blà r air adhart. Chaill na Seumasaich!
As dèidh an Ar-a-mach theich O’Sullivan don Fhraing.