|  |

 Loidhne Tìm
- Dihaoine 5 Samhain 1688 – Uilleam à Orainds a’ gluasad a-steach a Shasainn.
- 1715 – an t-Ar-a-mach Seumasach aig Seumas Frangan Stiùbhart. Tha an t-Ar-a-mach a’ fà illigeadh.
- Disathairne 21 Dùbhlachd 1720 – Rugadh Teà rlach Eideard Stiùbhart san Ròimh, san Eadailt.
- Dihaoine 23 Iuchar 1745 – Tha am Prionnsa Teà rlach a’ ruighinn Eilean Èirisgeigh.
- Diardaoin 19 Lùnastal 1745 – Tha am Prionnsa Teà rlach a’ togail bratach nan Seumasach ann an Gleann Fhionghuin.
- Dihaoine 20 Sultain 1745 – Blà r Sliabh a' Chlamhain. Tha na Seumasaich a’ buannachd!
- Diluain 8 Samhain 1745 – Tha na Seumasaich a’ dol thairis na crìche a Shasainn.
- Diluain 15 Samhain 1745 – Tha arm nan Seumasach a’ gabhail baile Carlisle.
- Dimà irt 23 Samhain 1745 – Tha Diùc Chumberland a’ dol na cheannard air feachdan Bhreatainn agus tha e air a chur a cheannsachadh nan Seumasach.
- Disathairne 4 Dùbhlachd 1745 – Tha arm nan Seumasach a’ ruighinn baile Derby ann an Sasainn.
- Didòmhnaich 5 Dùbhlachd 1745 – Tha ceannardan nan Seumasach a’ co-dhùnadh tilleadh a dh’Alba seach cumail orra airson ionnsaigh a thoirt air Lunnainn. Tha am Prionnsa Teà rlach feargach! Tha esan ag iarraidh ionnsaigh a thoirt air Lunnainn!
- Dimà irt 21 Dùbhlachd 1745 – Tha na Seumasaich a’ dol thairis na crìche air ais a dh’Alba. Tha am Prionnsa Teà rlach 25 an-diugh!
- Diluain 17 Faoilleach 1746 – Blà r na h-Eaglaise Brice. Tha na Seumasaich a’ faighinn buaidh air arm Bhreatainn!
- Diciadain 16 Gearran 1746 – Ruaig na Mòighe. Tha riaghaltas Bhreatainn a’ feuchainn ris a’ Phrionnsa Teà rlach a ghlacadh gun fhiosta aig Mòigh. Tha iad a’ fà illigeadh.
- Diciadain 2 Mà rt 1746 – Tha am Prionnsa Teà rlach ga shuidheachadh fhèin aig Inbhir Nis.
- Dihaoine 15 Giblean 1746 – Mà rsail na h-oidhche gu Inbhir Narann. Tha na Seumasaich a’ feuchainn ri ionnsaigh gun fhiosta a thoirt air Diùc Chumberland agus a shaighdearan. Tha iad a’ fà illigeadh. ’S e co-latha breith an Diùc a th’ ann cuideachd – tha e 25!
- Disathairne 16 Giblean 1746 – Blà r Chùil Lodair! Tha na Seumasaich a’ call agus tha am Prionnsa Teà rlach a’ ruith air falbh!
- Diardaoin 16 Ògmhìos 1746 – Tha am Prionnsa Teà rlach a’ coinneachadh ri Flòraidh NicDhòmhnaill anns an Eilean Sgìtheanach. Tha i ga chuideachadh a’ teicheadh le bhith ga chur ann an aodach boireannaich!
- Diluain 19 Sultain 1746 – As dèidh mìosan a’ falach, tha am Prionnsa Teà rlach a’ faighinn air falbh don Fhraing ann an soitheach. Tha e a’ fà gail a charaidean agus a shaighdearan Seumasach air a chùlaibh!
- Diluain 21 Faoilleach 1788 – Tha am Prionnsa Teà rlach a’ caochladh anns an Ròimh. Tha e a’ faighinn bàs anns an aon rùm san d’ rugadh e! Bha e 68 bliadhna a dh’aois.

|