24mh Lùnastal 2008, Cathaidh
A thaobh prògraman telebhisein Sealladh air Sìona, gu ruige seo:
- tha na dealbhan ann an òrdugh
- tha na fo-thiotalan deiseil.
Dè-a-nis?... Guthan a chur riutha.
Clà r sinn guthan chòignear an-diugh anns an dub. Tha e doirbh tomhas a dhèanamh air an ùine a tha dhìth airson guthan a chlà radh thairis air an cà nan Mandarin. Tha diofar adhbhar airson seo:
- feumaidh gach facal a bhith soilleir
- feumaidh na facail a bhith an aon fhaid no nas giorra na Mandarin
- feumaidh daoine cothrom fhaighinn èisteachd ri na facail Mandarin
- feumaidh daoine cothrom fhaighinn èisteachd ri na daoine ann an Sìona.


Dh'obraich an clà r-ama math dha-rìribh. Bha ùine gu lèor aig gach duine agus bha iad uile proifeiseanta nan dòigh. Chlà r Bronek, am measgadair fuaim, na guthan. Bha mise a' cumail mo shùil air an sgriobt fhad 's a bha gach duine a' bruidhinn. Sin gus dèanamh cinnteach gu robh sinn a' cumail ris an sgriobt agus gus co-dhùnadh a dhèanamh air am feumadh seantansan atharrachadh no a ghiorrachadh.
Tha clà radh eile ri dhèanamh a-mà ireach. Measgachaidh Bronek an uairsin am fuaim a chlà ir sinn dha na phrògraman.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
A' cur fuaimean nach robh anns a' chlà radh bho thùs ri film, m.e. ceòl agus guthan.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.