|  |

 "Mharbh
e gille Welsh; bha mi fhèin gu math eòlach air…" - Bha
Dòmhnall U. MacFhionghuin à Malacleit, Uibhist a Tuath, den
bheachd gu robh na geà ird a bha air a bhith sa Chiad Chogadh na b' fheà rr
do na prìosanaich.
"Bha
feadhainn ann a bha fìor mhath dhuinn…" - Mhothaich
Ruaraidh Moireasdan à Siadar Bharabhais, Leòdhas, gu robh
cuid de na geà ird Ghearmailteach na bu choibhneil na cuid eile.
"Loisg
e air, agus mharbh e eÂ…" - Chunnaic Seonaidh Simpson
à Fan Mòr, Muile, dè dh'fhaodadh tachairt mur robh cùisean
mar a mhiannaicheadh na geà ird.
"Chuir
e a chas a-steach gun fhios dha…agus thog an geà ird an gunna…" -
Mhothaich Murchadh Moireach à Nis, Leòdhas, gu robh na geà ird
a bha anns an Hitler Youth uabhasach cruaidh air prìosanaich.
"Dhiùlt
e dhol a dh'obair…thà inig iad leis a' mhachine gun…" - Chunnaic
Iain Dòmhnallach à Lacasaigh, Leòdhas, iomadh gaisgeach
anns na campaichean.
"Tha
rudeigin fada ceà rr an seo, thuirt mi…" - Bha Dòmhnall
R MacCoinnich à Airidh a' Bhruthaich, Leòdhas, a' geà ird
prìosanaich Ghearmailteach. Aon oidhche thòisich ùpraid nam
measg.
"Chuir
iad grà in annainn, na daoine a bha gar trèanaigeadh…" - Bha
aig Tormod MacAonghais bhon a' Bhac, Leòdhas, air fiosrachadh fhaighinn
bho shaighdearan Gearmailteach.
"B'
e an inntinn aca bu mhiosaÂ…" - Chunnaic Anna Mhoireasdan
à Nis, Leòdhas, daoine le an corragan air an toirt dhiubh gus am
fà inneachan fhaighinn, agus fiaclan air an tarraing nan turchradh òr
a bhith annta.
"Rinn
sinn march airson mìos…" - As dèidh do bhomaichean tuiteam
air a' champa anns an robh Raghnall Stiùbhairt à Loch na
Madadh, Uibhist a Tuath, thà inig air coiseachd gu saorsa. Bha e air an
rathad airson mìos agus b' iomadh sealladh uabhasach a chunnaic e air an
t-slighe.
"Cha
toir duine a bha ann maitheanas dhaibh a-chaoidh…" - Fhad 's
a bha an Col. Calum Moireasdan à Uig, Leòdhas, na phrìosanach
aig feachdan Iapain chaidh ionnsaigh uabhasach a thoirt air.
"Bha
feum againn laighe air an là r…" - Chunnaic Iain MacAmhlaigh
à Breascleit, Leòdhas, na trèanaichean a' toirt daoine chun
nan campaichean-bà is.
"Bha
sinn a' fàs ro eòlach air rudan mar sin…" - Bha
aig Ruaraidh Moireasdan à Siadar Bharabhais, Leòdhas, ri
leacan bho uaighean Iùdhaich a chleachdadh airson cabhsair a thogail. Cha
robh e air a shon ach b' fheudar dèanamh mar a bhathas ag iarraidh air.
"Bha
sinn a' faicinn seallaidhean a bha cur fìor thruas òirnn…" - Chunnaic
Iain Dòmhnallach à Lacasaigh, Leòdhas, seallaidhean
uabhasach, gu h-à raidh Iùdhaich air an droch leòn.
 |
|
|