

©IWM:
ref.C381
Cha robh riamh uallach cho mòr air a bhith air boireannaich Bhreatainn ri à m cogaidh 's a bh'orra anns an Dà rna Cogadh.
Anns a' Chiad Chogadh Mhòr, bha boireannaich, gun teagamh, air a bhith air leth cudthromach. Bha grunn an sàs ann, nam banaltraman no ag obair gu saor-thoileach, gun ghuth a thoirt air na mìltean a chùm cùisean a' dol aig an taigh, a' togail theaghlaichean gun mòran airgid no chofhurtachd.
Ach anns an Dà rna Cogadh, bha cuideachadh nam ban buileach deatamach. As dèidh mu dhà bhliadhna de shabaid bha e soilleir nach robh fuasgladh aithghearr ri tighinn. Chuir Churchill achd tron Phà rlamaid a' cur an cèill gu faodar boireannaich a ghairm airson obair cogaidh airson a' chiad turas riamh.
Nuair a chaidh an National Service Act (No 2) tron Phà rlamaid an toiseach cha robhas a' gairm ach a-mhà in boireannaich nach robh pòsta agus a bha eadar fichead agus deich bliadhna fichead a dh'aois. Ach as dèidh bliadhna gu leth, bha mu ochdnar às gach deichnear ann an obair co-cheangailte ris a' chogadh.

