
©IWM: ref.A24012
Air 6 Ã’gmhios 1944, thill feachdan Bhreatainn, Chanada agus Ameireagaidh dhan Fhraing - gu cladaichean Normandy.
B' e seo D-Day - toiseach-tòiseachaidh Operation Overlord aig an robh mar amas Paris a shaoradh, na Gearmailtich a sgiùrsadh às an Fhraing agus an grèim teann a bh'aca air Iar-thuath na Roinn Eòrpa a bhristeadh. B' e iomairt èiginneach, chunnartach a bhiodh ann le feachdan adhair is luing chogaidh. Bhiodh iad an eisimeil gealach là n ag èirigh anmoch, muir a' trà ghadh, deagh fhaicsinneachd, glè bheag de sgòthan agus sìde shocair.
Bha na Gearmailtich air na cladaichean a dhìon gu là idir leis an Atlantic Wall - na mìltean de shaighdearan, gunnaichean mòra, mèinnichean agus iomadh cnap-starra eile, suidhichte bhon Òlaind, sìos costa na Frainge cho fada deas ri crìochan na Spà inn.
Bha là n dhùil aig na Gearmailtich ri ionnsaigh air costa na Frainge - ach cha robh fhios aca cà ite no cuin a thigeadh i.
Brùth air cuspair gus èisteachd ri cuimhneachan.

